Mìneachadh
Tha na faclan Gàidhlig airson rudan agus daoine (brògan, balaich) a’ leantainn pàtran àraidh a rèir co-dhiù a tha iad fireannta no boireannta, suidheachadh an fhacail san t-seantans agus na litrichean a tha aig toiseach, meadhan no deireadh an fhacail. Tha am mìneachadh seo a’ dèiligeadh ri faclan airson còrr is aon de rud.
’S e na pàtrain a leanas an dòigh as cumanta air innse gu bheil còrr is aon ann de rud:
- ad – adan, bròg – brògan, muc – mucan, taigh – taighean, sràid – sràidean
- càr – càraichean, maidse – maidsichean, trèan – trèanaichean
- abhainn – aibhnichean, leabhar – leabhraichean, litir – litrichean
- balach – balaich, cat – cait, làr – làir, òran – òrain, ròn – ròin, solas – solais
- bòrd – bùird, ceann – cinn, each – eich, eun – eòin, òrd – ùird, peann – pinn
[’S e faclan fireannta a-mhàin a tha a’ leantainn a’ phàtrain balaich, bùird.]
Tha pàtrain eile ann nach eil cho cumanta agus faclan nach eil a’ leantainn pàtran idir:
- cogadh – cogaidhean
- cupa – cupannan
- sgoil – sgoiltean
- bràthair – bràithrean, còrr – corran, bùth – bùithtean/bùthan, beinn – beanntan, balla – ballachan, caora – caoraich, duine – daoine, cù – coin, iasg – iasg/èisg.
Mura bheil an t-alt (na, na h-) leis na faclan seo, chan eil iad ag atharrachadh às dèidh aig, air, gu, à, ann an, le, ri ach tha às dèidh do, de, fo, bho, ro, tro:
- air sràidean
- ann an trèanaichean
- ri balaich.
Agus le do, ro…:
- do mhucan
- ro chàraichean
- do chait.
Ma tha facal eile no abairt leithid ri taobh no a’ leughadh a’ tighinn roimhe, tha toiseach an fhacail ag atharrachadh (ma tha e comasach dhan litir atharrachadh san dòigh seo):
- a’ reic chàraichean
- bogsa mhaidsichean
- preasa leabhraichean.
’S e na an riochd den alt a tha air a chleachdadh sa chumantas airson còrr is aon rud ach tha na h- air a chleachdadh ro a/à/ e/è, i/ì, o/ò, u/ù:
- na brògan
- na balaich
- na h-adan
Chan eil an t-alt no am facal fhèin ag atharrachadh às dèidh aig, air, anns, ris, don …
- air na brògan
- do na balaich
- ri/ris na h-adan
Ma tha facal eile no abairt leithid ri taobh no a’ leughadh a’ tighinn ron fhacal, tha an t-alt (na, na h-) a’ tionndadh gu nan no nam (ro b, f, m, p):
- preasa nam brògan
- sgeilpe nan adan
- taigh-beag nan gillean
- a’ glanadh nan uinneagan
- a’ bruich nan uighean
- a’ bristeadh nam maidean
Chan eil deireadh nam faclan ag atharrachadh leis na riochdan seo ach tha leis an riochd le i (balach – balaich) agus le àireamh bheag de abairtean cumanta eile (ged tha seo a’ dol à cleachdadh san latha an-diugh):
- taigh-beag nam balach (balaich)
- Radio nan Gàidheal (Gàidheil)
- a’ biathadh nan cat (cait).