Skip to content

Agam, annam, asam, bhuam

Mìneachadh

Tha na faclan à, aig, air, bho/o, de, do, eadar, gu, le, mu, ri, ro, tro a’ dol còmhla ri mi, thu, e, i, sinn, sibh, iad gus faclan ùra a chruthachadh, mar a leanas:

  • à      asam …
  • aig      agam …
  • air      orm …
  • bho/o      bhuam/uam …
  • de     dhìom …
  • do      dhomh …
  • eadar      eadarainn …
  • gu      thugam …
  • le      leam …
  • mu      umam …
  • ri       rium …
  • ro      romham …
  • tro       tromham …

Mar eisimpleir:

  • Tha fhios agam.
  • Tha còta orm.
  • Thoir sin dhomh.
  • Chuir mi dhìom mo chòta.

Tha na riochdan a leanas de asam, agam, orm agus an leithid air an cleachdadh airson cuideam a chur orra:

  • agamsa (mi), agadsa (thu), aigesan (e), aicese (i), againne (sinn), agaibhse (sibh), acasan (iad).

 
 


Print Friendly, PDF & Email

© Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig 2026