Skip to content

Bidh

Mìneachadh

Tha bidh air a chleachdadh an àite tha airson innse mu rud a tha a’ tachairt tric no an-còmhnaidh aig an àm seo. Seo na riochdan sam faighear e:

  • bidh/bithidh, am bi, cha bhi, a bhios/bhitheas

[’S e bidh as cumanta na bithidh. Mar as trice, chan eil bithidh air a chleachdadh ach leis fhèin mar fhreagairt ceist: Am bi iad an sin a h-uile latha? Bithidh. Tha bhios nas cumanta na bhitheas.]

Tha bidh air a chleachdadh nuair a tha e leis fhèin aig toiseach seantans (no clàs):

  • Bidh iadsan a’ falbh agus bidh sinne a’ tighinn aig uair a h-uile latha.

Tha bi air a chleachdadh airson faighneachd am bi rud ann no nach bi:

  • Am bi thu a’ dol an sin tric?
  • Nach bi thu a’ leantainn ball-coise?

Tha bi air a chleachdadh cuideachd ann an suidhichidhean mar:

  • Sin far am bi am bus a’ stad.
  • Càit am bi thu a’ dol às deidh na sgoile gach latha?
  • Thuirt e gum bi iad a’ dol ann tric.

Tha bhi air a chleachdadh airson a ràdh nach bi rud a’ tachairt:

  • Cha bhi mi a’ coimhead ball-coise uair sam bith.

Tha bhios air a chleachdadh às dèidh

  • cò/dè/cuin a/carson a/ciamar a? (no an leithid)
  • ma, ged a, mar a, nuair a, fhad ’s a, on a, a (no an leithid)

Mar eisimpleir:

  • Cuin a bhios am bus an seo gach latha?
  • Sin am fear a bhios a’ glanadh na sgoile.

[Tha tu air a chleachdadh an àite thu às dèidh bhios: Carson a bhios tu a’ ràdh sin?]

Tha am pàtran seo air a chleachdadh le faclan gnìomh mar can no tachair cuideachd:

  • ’S e sin a chanas iad.
  • Tachraidh rudan mar sin uaireannan.

 


Print Friendly, PDF & Email

© Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig 2024