Skip to content

Tha e air tilleadh

Mìneachadh

Tha caochladh dhòighean sa Ghàidhlig air innse mu rudan a thachair ron a seo.  ’S e aon dhiubh a bhith a’ cleachdadh tha, a bheil, chan eil còmhla ri air (no an dèidh) agus faclan mar tilleadh no dèanamh.
’S e am pàtran as sìmplidhe:

  • Tha mi air tilleadh.

Ma tha facal airson rud mar dealbh no cat ann, tha am pàtran seo air a chleachdadh:

  • Tha mi air dealbh a dhèanamh.
  • Tha mi air an cat a chur a-mach.

Tha an t-atharrachadh san fhacal gnìomh a rèir a’ chiad litir aige:

  • b, c, d, g, m, p, t: Tha mi air am balla a pheantadh.
  • f: Tha mi air mo leabhar fhàgail.
  • f + l/r: Tha e air am fòn a fhreagairt.
  • a/à, e/è, i/ì, o/ò, u/ù: Tha mi air mo shùgh òl.
  • l, n, r: Tha mi air leabhar a leughadh, an cupa a nighe, an rèis a ruith.
  • s, sl, sn, sr: Tha mi air an deuchainn a shuidhe, am bara a shlaodadh, an abhainn a shnàmh, a’ bheinn a shreap.
  • sg, sgl, sgr, sm, sn, sp, spl, spr, st: Tha mi air an rùm a sgeadachadh, an litir a sgrìobhadh, am bus a stad.

Tha am pàtran a leanas air a chleachdadh le mi, thu, e, i, sinn, sibh, iad:

  • Tha iad air mo shàrachadh. (mi)
  • Chan eil mi air d’ fhaicinn ron a seo. (thu).
  • Tha mi air a chur air. (e – me, an solas)
  • Tha mi air a h-ithe. (i – me, a’ chèic)
  • A bheil iad air ar faicinn? (sinn)
  • Chan eil mi air ur cluinntinn a’ seinn. (sibh)
  • A bheil sibh air an sgrìobhadh.                                                                     
  • Tha e air am bristeadh. (iad).

 


Print Friendly, PDF & Email

© Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig 2024