Aithghearrachd
Tha na pàtrain a leanas air an cleachdadh airson innse mu rud a bhith air a dhèanamh air rud no neach:
Rugadh e ann an New York.
- Thogadh an taigh seo o chionn fichead bliadhna.
- Cha togar an sgoil ùr airson còig bliadhna eile.
Chaidh na h-uinneagan a bhristeadh.
- An deach an sùgh air fad òl?
An deach an dòigh seo fheuchainn?
- Chaidh mo chumail air ais.
Tha an rabhadh air a sgrìobhadh ann an dearg.
- Tha na leabhraichean air an cumail anns a’ phreasa sin.
- Tha mi air mo leòn.
Tha thu gad shàrachadh fhèin
- Tha na dorsan gam peantadh.
Cha ghabh sin dèanamh.
Dh’fhàgte a-muigh e fad na h-oidhche.
Tha tòrr ri dhèanamh.
- Tha beagan gun dèanamh fhathast.
Faodar na solais a chur dheth.
- Feumar an rùm a sgioblachadh.