Skip to content

Far a bheil rudan (agus a leithid sin)

Aithghearrachd

Tha na pàtrain a leanas air an cleachdadh airson innse far a bheil rudan agus a leithid sin:

Na shuidhe air balla [gun an t-alt]

  • Air balla, ri Calum, eadar mùir is tìr, aig cèilidhean, le balaich.              
  • Do Mhàiri, do chaileagan, ro Dhiluain, ro Anna, do dh’Anna, gun chòta.

Tha leabhar air a’ bhòrd [leis an alt]

  • Aig a’ chidhe, anns a’ chraoibh.                                                                        
  • Dhan bhaile, tron uinneig, dha na beanntan.
  • Anns a’ chàr/sa chàr, ris a’ chaileig, leis gach balach.                             
  • Nam/na mo bhaga.

Air a’ bhòrd bheag

  • Air a’ bhòrd bheag, aig an uinneig bhig.                                                             
  • Do na balaich bheaga, ris na gillean mòra.

Pàtrain eile.

  • Gun an càr, mar an dealanach, duine sam bith ach Calum, eadar na cnuic.
  • Tha iad a’ dol chun na gealaich.                                                                    
  • Shreap iad thar nam beanntan.

Tha còta ùr agam.

Asam, agam, orm, bhuam, dhìom, dhomh, thugam, leam, rium, romham, tromham.

Faisg orm

  • Coltach ri cat, còmhla ris a’ chaileig.
  • Còmhla rium, faisg ort, còmhla riutha.

Ri taobh an dorais                                                                 

  •  Ri taobh uinneag, air beulaibh balla, air cùlaibh dhorsan [gun an t-alt].
  • Air cùl an dorais mhòir, air beulaibh na h-uinneig(e).
  • Ri taobh nan taighean, air cùl nan cnoc. 

Agus le mi, thu …:                                                      

  • Air mo chùl, air do chùl, air a son, ri ar/rir taobh, os ur cionn,  nam measg.

Air cùl, an àite, am measg, mu dheidhinn, mun cuairt, ri taobh, os cionn.  

 

 


Print Friendly, PDF & Email

© Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig 2024