Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil thu ceart.

Mìneachadh

Tha am pàtran a leanas ag innse mu rud a thuirt cuideigin a thachair (no a tha dol a thachairt) no rud a tha an neach-labhairt a’ smaoineachadh a tha fìor:
  • Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil thu ceart.
  • Thuirt i gun robh iad trang an-dè.
  • Tha e ràdh gum bi e deiseil a-màireach.
  • Tha mi a’ smaoineachadh gun do chuir iad litir thuice.                               
  • Tha mi a’ smaoineachadh gun deach e dhachaigh.
  • Tha e a’ ràdh gun coisich e dhachaigh.
Tha nach air a chleachdadh airson innse nach do thachair rud no nach eil rud ann:
  • Tha i a’ ràdh nach eil iad deiseil fhathast.                                                       
  • Thuirt iad nach robh càil a dh’fhios aca air sin.
  • Tha mi a’ smaoineachadh nach bi an consairt uabhasach math a-nochd.
[A bharrachd air smaoinich agus thuirt, tha am pàtran seo cuideachd air a chleachdadh le faclan mar tuigsinn, cluinntinn, faireachdainn: Tha mi a’ cluinntinn gu bheil iad math.] [Tha am pàtran seo air a chleachdadh cuideachd le abairtean mar ’S dòcha, cha mhòr: ‘S dòcha gun tèid mi ann, cha mhòr nach do thuit mi.]  
Print Friendly, PDF & Email