Rugadh e ann an New York.

Mìneachadh

Tha diofar dhòighean sa Ghàidhlig air innse gu bheil rud ga dhèanamh air rud no neach. ’S e an dòigh thraidiseanta, ged nach eil i cho cumanta a-nise:
  • Rugadh e ann an New York. (Rud a thachair ron a seo)                         
  • Thogadh an taigh seo o chionn fichead bliadhna.                                     
  • Cha togar an sgoil ùr airson còig bliadhna eile. (Rud a thachras às dèidh seo.)
Tha an dòigh as cumanta san latha an-diugh stèidhte air chaidh/thèid, air a chleachdadh le faclan gnìomh leithid bristeadh, òl, ceartachadh, agus a’ leantainn a’ phàtrain seo:
  • Chaidh na h-uinneagan a bhristeadh.                                                         
  • An deach an sùgh air fad òl?
  • Chaidh an litreachadh a cheartachadh.
  • Thèid do chòta a fhliuchadh.
  • An deach an dòigh seo fheuchainn?
[Tha toiseach fhaclan a’ tòiseachadh le b, c, d, f, g, m, p, s, t agus le sl, sn, sr ag atharrachadh ach chan eil faclan le l, n, r, sg, sm, sp, st no le a/à, e/è, i/ì, o/ò, u/ù. Chan eil a air a shealltainn ro a, e, i, o, u no ro f + a, e, i, o, u: Chaidh an deoch òl.] Mas ann air mi, thu, e, i, sinn, sibh no iad a tha an gnìomh air a dhèanamh, tha am pàtran a leanas air a chleachdadh:
  • Chaidh mo chumail air ais. (mi)
  • Thèid do leòn mura bi thu faiceallach. (thu)
  • Chaidh fhàgail aig an taigh. (e)
  • Chaidh a bristeadh. (i – an dealbh)
  • Thèid òl. (e – an t-uisge) Thèid a h-òl. (i – an tèatha)
  • Chaidh ar cumail a-mach às an talla.
  • Thèid ur faicinn an ceartuair.
  • An deach am bristeadh? Chaidh an càradh.
[Tha m’ is d’ air an cleachdadh an àite mo, do … ro a, e, i, o, u agus f + a, e, i, o, u: Chaidh d’ fhaicinn. Chan eil a (e) air a chleachdadh ro a, e, i, o, u ach tha a h- (i): Chaidh òl (e – an t-uisge), chaidh a h-òl (i – an teatha).]  
Print Friendly, PDF & Email