Skip to content

Ag innse mu rudan a thachras às dèidh seo

Aithghearrachd

Tha na pàtrain a leanas air an cleachdadh airson innse mu rudan a thachras às dèidh seo:

Bidh/bithidh, am bi, cha bhi, a bhios/bhitheas

  • Bidh mi air ais tràth.
    Am bi thu ann a-nochd? Cha bhi.
    Cò bhios a’ dol ann còmhla riut?
    Sin an duine a bhios a’ seinn a-nochd.

Cuiridh, an cuir, cha chuir, chuireas

  • An cuir mi air an cofaidh?                                                                   Cuiridh.                                                                                                                                         
    Cha chuir mi às an solas.
    Chan ith mi sin.
    Chan fhàg mi an seo e.
    Ma chuireas tu dheth an solas, bidh e dorcha.
    Cò dh’innseas naidheachd?

Beiridh/am beir/cha bheir/a bheireas

  • Beiridh/am beir/cha bheir/a bheireas
    bheir/an toir/cha toir/a bheir
    canaidh/an can/cha chan/a chanas
    chì/am faic/chan fhaic/a chì
    cluinnidh/an cluinn/cha chluinn/a chluinneas
    gheibh/am faigh/chan fhaigh/a gheibh
    nì/an dèan/cha dèan/a nì
    ruigidh/an ruig/cha ruig/a ruigeas
    thèid/an tèid/cha tèid/a thèid
    their/an abair/chan abair/a dh’abras
    thig/an tig/cha tig/a thig.

Tha mi dol a sheinn.

  • Tha mi dol a pheantadh dealbh.
    Tha mi dol a dh’òl deoch.
  • Tha mi dol a ghlanadh a’ bhùird.
    Tha mi dol a ghlanadh na h-uinneig(e).
  • A bheil thu dol gam chuideachadh?

Gad chur, ga chur, ga òl, ga cur, ga h-òl, gar cur, gur cur, gan cur, gam bruich.

 


Print Friendly, PDF & Email

© Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig 2024