Mìneachadh
Tha na faclan seo ag innse cò ris a tha rud no neach coltach ach tha iad a’ tighinn ro na faclan mu bheil iad an àite às an dèidh:
- an-ath, corra, deagh, droch, fìor, prìomh, sàr
- a h-uile, gach, iomadach, iomadh.
Tha toiseach an fhacail ag atharrachadh às dèidh an-ath, corra, deagh, droch, fìor, prìomh, sàr:
- an-ath-sheachdain, corra fhear, deagh dhaoine, droch ghèam, fìor dhuine, prìomh bhailtean, sàr obair.
[Tha cuid de litrichean nach bi ag atharrachadh san dòigh seo: deagh sgoil, an ath latha. Chan eil d agus t ag atharrachadh às dèidh seann: seann duine, seann taigh. Chan eil corra air a chleachdadh ach leis an riochd singilte de fhaclan.]
Chan eil toiseach fhaclan ag atharrachadh às dèidh a h-uile, gach, iomadach, iomadh agus ’s e an riochd singilte den fhacal a tha air a chleachdadh leotha:
- a h-uile fear, iomadach bliadhna, iomadh balach, gach duine.