Skip to content

Bu, b’ e

Mìneachadh

Faodar na riochdan seo a chleachdadh an àite is airson innse mu rud a thachair ron a seo:

  • bu, b’ e, am bu, am b’ e, cha bu, cha b’ e.

Tha b’ e a’ leantainn an aon phàtran ri is/is e/’s e/an e/chan e:

  • B’ e eaglais a bha anns an togalach sin uaireigin.
  • B’ e dannsair a bha innte nuair a bha i òg.

Tha e mòran nas cumanta, ge-tà, ’s e/an e/chan e a cleachdadh airson innse mu rudan a thachair, no a bha ann, ron a seo:

  • ’S e eaglais a bha anns an togalach sin uaireigin.
  • ’S e dannsair a bha innte nuair a bha i òg.

 


Print Friendly, PDF & Email

© Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig 2024