Bu, b’ e, am bu, am b’ e; cha bu, cha b’ e.
Cothroman ann an cànan a’ chlas airson eisimpleirean a thoirt don chloinn air structaran
“Cha b’ e mise a bh’ ann!”
“B ’ e Ceitidh a bh’ ann.”
Òrain
Cànan nan Gàidheal
Cha b’ e sneachda ‘s an reothadh o thuath
Cha b’ e an crannadh geur fuar bhon ear
Cha b’ e an t-uisge ‘s an gailleann bhon iar
Ach an galair a’ bhlian on deas
Blàth, duilleach, stoc agus freumh
Cànan mo threubh is mo shluaigh.
Seist:
Thig thugainn, thig cò’ rium gu Siar
Gus an cluinn sinn ann Cànan nam Fèinn
Thig thugainn, thig cò’ rium gu Siar
Gus an cluinn sinn ann Cànan nan Gàidheal
Nuair chithear fear fèilidh sa ghleann
Bu chinnteach gur Gàidhlig a’ chainnt
Nuair spìon iad a threubh às an fhonn
An àite Gàidhlig tha cànan a’ Ghoill …
’S a’ Ghàidhealtachd creathall nan sonn
‘S tìr “mhajors” is “cholonels” ‘n-diugh innt’
Thoir a-nuas dhuinn na coinnlearan òir
’S ann càiribh na coinnlean geal cèir
Lasaibh suas iad an seòmar a’ bhròin
Taigh-fhaire seann chànan a’ Ghàidheil
’S e siud bho chionn fhada thuirt an nàmh
Ach fhathast tha beò Cànan nan Gàidheal!
Ged theich i le beath’ às na Glinn
Ged nach cluinnear nis muigh anns an Dùn
O dhùthaich MhicAoidh, fada tuath
Gu ruig thu Druim Uachdar nam bò
Gidheadh, anns na h-Eileanan Siar
’S i fhathast ann ciad chainnt an t-sluaigh
Gnìomh
Sgrìobh na leanas mar gun do thachair e ron a seo.
’S e nighean bheag a th’ ann an Eilidh. _________________________________
’S e dannsair a th’ innte. _________________________________
’S e seinneadair ainmeil a th’ ann. _________________________________
’S e oilthigh a th’ anns an togalach sin. _________________________________
msaa
Seanfhaclan
Faodaidh tu na gnìomhan a dhèanamh le na seanfhaclan seo agus an fheadhainn a chaidh a mhìneachadh ann an stuthan-taic 3A.
- Cha bu ruith ach leum leam – I would jump at it, not run
- B’ e sin ìm a chur do thaigh-àirigh – That were sending butter to a dairyman’s house.
- B’ e sin marag earbsa ris a’ chù dhubh – That were trusting a pudding to the black dog.
- B’ e sin grèim den easgann air a h-eàrr – That were taking the eel by the tail.
- Bu cho math dol a dh’iasgach gun mhaorach ’s dol a chùirt gun sporan – As well go fishing without bait as to court without a purse.