Chuir/an do chuir

Mìneachadh

Tha caochladh dhòighean sa Ghàidhlig air innse mu rudan a thachair ron a seo.  ’S e aon dhiubh a bhith a’ cleachdadh nan riochdan seo de fhaclan gnìomh mar cuir:
  • chuir, an do chuir, cha do chuir.
Tha an riochd chuir air a chleachdadh aig toiseach seantans no às dèidh:
  • cò/dè/cuin a/carson a/ciamar a? (no an leithid)
  • ma, ged a, mar a, nuair a, fhad ’s a, on a, a (no an leithid)
Mar eisimpleir:
  • Chuir mi air an solas.
  • Carson a dhùin thu an uinneag?
Ma tha am facal gnìomh a’ tòiseachadh le a/à, e/è, i/ì, o/ò, u/ù, tha dh’ a’ dol roimhe:
  • Dh’ith mi mo bhracaist.
  • Dh’òl mi am bùrn.
Tha an aon rud a’ tachairt le le f, ach a-mhàin far a bheil l no r a’ tighinn às dèidh an f:
  • Dh’fhòn e thugam
  • Dh’fheuch e ri teiche.
  • Fhliuch an fhras mi.
  • Fhreagair e mo litir.
Chan eil l, n no r ag atharrachadh ann an sgrìobhadh (ach tha ann an labhairt):
  • Leòn mi mi fhèin an-dè.
  • Nochd e gun fhiosta.
  • Ruith iad air falbh.
Tha, no chan eil, an litir s ag athachadh a rèir ’s dè an litir a tha tighinn às a dèidh:
  • shuidh, shlaod, shnàmh, shrac
  • sguir, smaoinich, spreadh, stad.
Airson faighneachd an do thachair rud no airson a ràdh nach do thachair, tha do ga chur ron fhacal gnìomh:
  • An do bhris e an cupa?
  • Nach do ghabh thu do bhiadh?
  • Cha do dh’ith mi mo bhiadh air fad.
  • An do fhreagair iad am fòn?
Gheibhear am pàtran sin anns na suidhichidhean seo cuideachd:
  • Thuirt e gun do bhris iad cupa.
  • Dh’fhuirich mi gus an do thill iad.
  • Càit an do thuit thu?
  • Bha i dorcha mus do thill iad.
 
Print Friendly, PDF & Email