Skip to content

Obair ìre 1

Chuir/an do chuir/gun do chuir/ cha do chuir. Dh’òl. Dh’fhàs Cha do leag/nochd/ruith. Cha do sguir.

Gnìomhan

Sgeulachd a’ chlas

A’ suidhe ann an cearcall, tòisichidh an tidsear leis a’ chiad loidhne de sgeulachd. Feumaidh gach sgoilear pìos ùr a chur ris an sgeulachd fhad ’s a tha e a’dol timcheall. Feumaidh a h-uile duine ‘pàtrain na seachdain’ a chleachdadh agus feumaidh iad cumail a’ dol gus an tèid sin a chleachdadh!

m.e

Tidsear: “Thill mi dhachaigh aig meadhan-oidhche, dh’fhosgail mi an doras agus…”

Sgoilear 1: “… mhothaich mi gun do dhòirt cuideigin bainne air feadh an làir.”

Sgoilear 2: “Gu socair, dhìrich mi an staidhre….” M.s.a.a.

 

Mo Bhaga

A’ chlann a’ suidhe ann an cearcall agus iad ag ràdh, “Chaidh mi gu Lunnainn agus  chuir mi briosgaidean nam bhaga”.  An ath dhuine ag ràdh, “Chaidh mi gu Lunnainn agus chuir mi briosgaidean agus ticead nam bhaga.”

’S urrainn dhut atharrachadh càite an deach iad, m.e. dhan sù, gu Afraga, gu pàrtaidh, dhan Fhèis.

 

Leudachadh

A’ dol tron aibidil.

m.e  Chaidh mi dhan sù agus chuir mi ailbhean nam bhaga.

Chaidh mi dhan sù agus chuir mi ailbhean agus bogsa-ciùil nam bhaga.

 

Mo dhinnear

A h-uile duine a’ suidhe ann an cearcall

Sgoilear 1: Airson  mo dhinnear, dh’ith mi rudeigin a’ tòiseachadh le c.

Sgoilear 2: An do dh’ith thu caise?

Sgoilear 1: Dh’ith

Lean ort mar seo gus an tagh a h-uile duine litir às an aibidil.

 

Ball

Cuir tòrr diofar cheistean air ball mòr (tha feadhainn bàn ri fhaighinn bho TTS Blank Catch Ball £4.99) agus cuir timhcheall e. Nuair a ghlacas cuideigin e, feumaidh iad a’ cheist a tha nas fhaisge air an òrdag chlì aca a fhreagairt.

m.e

An do sgrìobh thu litir gu Bodach na Nollaige?

An do chuir thu miotagan ort an-diugh?

An do bhuannaich Rangers aig an deireadh-sheachdain?

An do dh’ullaich thu an obair-dachaigh agad?

m.s.a.a.


Sgrìobhadh

Sgrìobh geàrr-chunntas air na rinn thu mus tàinig thu dhan sgoil an-diugh gun a bhith cleachdadh am facal ‘bha’. M.e. Dh’èirich mi aig 8 uairean. Ghabh mi mo bhracaist agus an uair sin ruith mi airson a’ bhus.

Neo

Nuair a choisich thu a-steach dhan chidsin an-diugh sa mhadainn airson bracaist fhaighinn, cò bha suidhe aig a’ bhòrd ach Harry Potter!

Sgrìobh geàrr-chunntas air na rinn thu ron sgoil ag innse dè ghabh sibh airson bracaist agus ciamar a thàinig thu don sgoil. Chan fhaod thu na facail “bha” no “cha robh” a chleachdadh!

m.e

Dh’ith sinn uighean dràgon agus dh’òl sinn sùgh snèap bho ghàrradh nan troichean…. M.s.a.a.

 

 

Print Friendly, PDF & Email

© Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig 2024