Skip to content

Ag innse mu chùisean a tha aon cheum a-mach

Aithghearrachd

Tha na pàtrain a leanas air an cleachdadh airson a bhith ag innse mu chùisean a tha aon cheum a-mach:

Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil thu ceart.

  • Thuirt i gun robh iad trang an-dè.
  • Tha e a’ ràdh gum bi e deiseil a-màireach.
  • Tha mi a’ smaoineachadh gun do chuir iad litir thuice.
  • Thuirt e nach eil an còrr ann.
  • ‘S dòcha gun tèid mi ann.

Tha mi a’ smaoineachadh gur e Iain a rinn e.

  • Tha iad ag innse dhomh gur e seo a thachair.
  • Tha mi a’ smaoineachadh nach e Iain a rinn sin idir.

Tha e a’ ràdh gur ann air a’ bhus a thàinig e.

  • Tha mi a’ smaoineachadh gur ann a’ snàmh a bha iad nuair a thachair e.

Gheibh thu an leabhar ma tha thu ga iarraidh.

  • Ma chuireas tu buidhe còmhla ri dearg, gheibh thu orains.                         
  • Nì mi sin ma bhios tìde agam.
  • Tha fhios agam cò a rinn sin.                                                                             
  • Mura bheil airgead agad, chan fhaigh thu dad an seo.
  • Mura do rinn thu an obair, cha bhi iad toilichte.
  • Chan fhuirich sinn riut mura bi thu an seo tràth.
  • Chan eil fhios agam càit am bi mi a-màireach.

Nam biodh tu an seo an-dràsta, chitheadh tu sealladh brèagha.

Nam biodh càr agam, bheirinn lioft dhut.

  • Bhithinn glè thoilichte nam faighinn an duais sin.
  • Nan stadamaid an seo, chitheamaid sealladh brèagha.
  • Bu toigh leam nan tigeadh tu còmhla rium.

Nan robh thu an seo an-dràsta, chitheadh tu sealladh brèagha.

 


Print Friendly, PDF & Email

© Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig 2024