Skip to content

Bidh/bithidh

Mìneachadh

Tha caochladh dhòighean anns a’ Ghàidhlig air innse mu rudan a thachras às dèidh seo.  ’S e aon dhiubh a bhith a’ cleachdadh:

  • bidh/bithidh, am bi, cha bhi, a bhios/bhitheas.

Tha an riochd bidh air a chleachdadh nuair a tha e leis fhèin aig toiseach seantans (no clàs):

  • Bidh sinn a’ falbh aig a sia ach bidh sinn air ais an seo aig a h-ochd.

[’S e bidh as cumanta na bithidh. Mar as trice, chan eil bithidh air a chleachdadh ach nuair a tha e seasamh leis fhèin mar fhreagairt ceist: Am bi thu ann a-nochd? Bithidh.]

Tha an riochd bi air a chleachdadh airson faighneachd am bi rud ann no nach bi:

  • Am bi thu an seo a-nochd? Nach bi thu ann?

Tha bi air a chleachdadh cuideachd ann an suidhichidhean leithid:

  • Thuirt e gum bi e a’ dol an sin a-màireach.                                              
  • Fuirich gus am bi mi deiseil.
  • Bidh a-màireach ann mus bi fhios againn.                                                          
  • Sin an ostail sam bi sinn a’ fuireach.
  • Càit am bi thu aig ceithir uairean?

Tha an riochd bhi air a chleachdadh airson a ràdh nach bi rud a’ tachairt:

  • Cha bhi mi a-staigh a-nochd.

Tha bhios air a chleachdadh às dèidh nam faclan ceist

  • cò/dè/cuin a/carson a/ciamar a? (no an leithid)
  • ma, ged a, mar a, nuair a, fhad ’s a, on a, a (no an leithid).

Mar eisimpleir:

  • bhios a’ dol ann còmhla riut? Sin an duine a bhios a’ seinn a-nochd.

[’S e tu a tha air a chleachdadh às dèidh bhios, an àite thu: Cuin a bhios tu an seo? Chithear an seann riochd bhitheas uaireannan ach chan eil e cumanta.  Uaireannan canar tha an àite bidh, ann an còmhradh, airson rud a tha dol a thachairt às dèidh seo: Tha ball-coise air an teilidh a-nochd. ]

 


Print Friendly, PDF & Email

© Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig 2024