Obair ìre 2

Bidh, bithidh, am bi, ; cha bhi, a bhios, ; bidh mi an seo a-màireach; cuin a bhios tu deiseil?

Gnìomhan

Seanfhaclan
Bhiodh e feumail tòrr bruidhinn a dhèanamh air na seanfhaclan, a’ dol thairis air faclan doirbh agus a’ smaoineachadh air na tha iad a’ ciallachadh. Cuideachd, bhiodh e math cuid dhiubh ionnsachadh. Tha tòrr sheanfhaclan ann a bhios a’ cleachdadh a’ phàtrain seo agus seo cuid dhiubh.

 

  • Cha bhi fios air math an tobair gus an tràigh e – The value of the well is not known until it goes dry.
  • Bidh an t-ubhal as fheàrr air a’ mheangan as àirde – The best apple is on the highest bough.
  • Am fear a bhios a’ riarachadh na maraig, bidh an ceann reamhar aige fhèin – The man that divides the pudding will have the thick end to himself.
  • Bidh cron duine cho mòr ri beinn mun lèir dha fhèin e – A man’s fault will be as big as a mountain before he sees it.
  • Dèan maorach fhad ’s a bhios an tràigh ann – Dig your bait while the tide is out.
  • Bidh adhaircean fada air a’ chrodh a tha fada uainn – Far off cows have long horns.
  • Bidh breith luath lochdach – A hasty judgment will be hurtful.
  • Bidh e geal nuair a thiormaicheas e, mun tuirt an droch bhean-nighe – It will be white when it dries, as the bad washerwoman said.
  • Bidh fear na foille fodha – The deceitful will be down.
  • Bidh meas air math nuair a chaillear e – The good is esteemed when lost.
  • Cha bhi luathas agus grinneas còmhla – Quick and fine don’t combine.
  • Cha bhi thu nas òige rid ionnsachadh – You’ll never be younger to learn.

 

Leudachadh
Airson geama a chluich a’ cleachdadh seanfhaclan, bidh aon sgioba a’ fàgail an t-seòmair agus ag aontachadh air seanfhaclan agus cò tha a’ dol a ràdh gach facal. Nuair a thilleas iad, bidh iad uile ag èigheach a-mach an fhacail aca fhèin aig an aon àm agus feumaidh na sgiobaidhean eile feuchainn ris an seanfhacal a thomhas. Ma tha iad soirbheachail, thèid an dara buidheann a-mach agus bidh an geama a’ leantainn air mar seo.


Cothroman tar-churraicealaim

 Ceòl

Bidh Clann Ulaidh

Bidh Clann Ulaidh, laoigh ‘s a lurain
Bidh Clann Ulaidh air do bhanais
Bidh Clann Ulaidh, laoigh ‘s a lurain
Dèanamh an danns’ air do bhanais

Bidh Clann an Rìgh, bidh Clann an Rìgh
Bidh Clann an Rìgh air do bhanais
Bidh Clann an Rìgh, a’ seinn air a’ phìob
Òlar am fìon air do bhanais

Bidh Clann Amhlaidh nam fir ghreannmhor
Bidh Clann Amhlaidh air do bhanais
Bidh Clann Amhlaidh nam fir ghreannmhor
Dèanamh an danns’ air do bhanais

Bidh Clann an Rìgh, bidh Clann an Rìgh
Bidh Clann an Rìgh air do bhanais
Bidh Clann an Rìgh, a’ seinn air a’ phìob
Òlar am fìon air do bhanais

Bidh Clann Choinnich nam feachd soilleir
Bidh Clann Choinnich air do bhanais
Bidh Clann Choinnich nam feachd soilleir
Dèanamh an danns’ air do bhanais

Bidh Clann an Rìgh, bidh Clann an Rìgh
Bidh Clann an Rìgh air do bhanais
Bidh Clann an Rìgh, a’ seinn air a’ phìob
Òlar am fìon air do bhanais

Bidh Clann Dhòmhnaill tha cho neònach
Bidh Clann Dhòmhnaill air do bhanais
Bidh Clann Dhòmhnaill tha cho neònach
Dèanamh an danns’ air do bhanais

Bidh Clann an Rìgh, bidh Clann an Rìgh
Bidh Clann an Rìgh air do bhanais
Bidh Clann an Rìgh, a’ seinn air a’ phìob
Òlar am fìon air do bhanais.

 

Print Friendly, PDF & Email