Skip to content

Aon pheansail, dà chaileag bheag.

Mìneachadh

Tha na faclan airson àireamhan anns a’ Ghàidhlig ag obrachadh mar a leanas.

Tha toiseach fhaclan ag atharrachadh às dèidh aon, ach a-mhàin na litrichean d agus t (agus na litrichean nach bi ag atharrachadh san dòigh seo uair sam bith):

  • aon pheansail
  • aon duine
  • aon sgàthan

’S e an riochd singilte a tha a’ tighinn às dèidh agus tha toiseach an fhacail ag atharrachadh:

  • pheansail
  • dhuine (mhòr)
  • chaileag (bheag)

[Ann an àireamh bheag de abairtean, mar as trice rudan de bheil a dhà againn, tha meadhan no deireadh an fhacail ag atharrachadh cuideachd: dà chois, dà làimh.]

Nuair a tha iad a’ seasamh leotha fhèin, gheibhear na riochdan seo de 1 gu 10:

  • aonan/a h-aon, a dhà, a trì, a ceithir, a còig, a sia, a seachd, a h-ochd, a naoi/naodh, a deich.
  • Ceannaich aonan agus faigh a dhà!

Tha an riochd airson còrr is aon rud air a chleachdadh leis na h-àireamhan 3-10 ach a-mhàin le faclan àraidh mar bliadhna, latha no sgillinn (ach chan eil le nota):

  • Tha ceithir busaichean aig an sgoil.
  • Chosg e ochd notaichean.
  • Bha mi ochd bliadhna sa bhaile sin.
  • A bheil ochd sgillinn agad?

Le 11-19, ’s e an riochd traidiseanta trì nota deug (ie, am facal san riochd shingilte eadar an àireamh is deug) ach seo am pàtran a tha air a chleachdadh ann am matamataig sgoile:

  • trì deug notaichean
  • còig deug lathaichean.

Leis na h-àireamhan 21-29 (agus 31-39 msaa), ’s e an riochd traidiseanta: trì bailtean ar fhichead ach seo am pàtran a tha air a chleachdadh ann am matamataig sgoile:

  • fichead agus a trì notaichean
  • ceathrad agus a còig leabhraichean.

Tha an riochd singilte a’ tighinn às dèidh dusan, ceud, mìle, millean agus ficheadnaochad, nuair a tha iad sin leotha fhèin gun àireamh eile às an dèidh:

  • ceathrad mionaid ach ceathrad agus a còig mionaidean.

Tha na riochdan seo de 2-10 air an cleachdadh airson daoine a-mhàin (mar as trice):

  • dithis, triùir, ceathrar, còignear, sianar, seachdnar, ochdnar, naoinear, deichnear

Tha na riochdan seo de na h-àireamhan air an cleachdadh airson òrdugh rudan a shealltainn:

  • a’ chiad, an dara/dàrna, an treas, an ceathramh, an còigeamh, an siathamh, an seachdamh, an t-ochdamh, an naoidheamh, an deicheamh.

 


Print Friendly, PDF & Email

© Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig 2024