Aon pheansail, dà chaileag bheag; aonan/a h-aon, a dhà, a trì,
a ceithir …; ceithir busaichean, sgillinn; trì deug notaichean, fichead agus a trì notaichean; ceathrad mionaid, ceathrad agus a còig mionaidean; dithis, trìuir, ceathrar …; a’ chiad, an dara/dàrna, an treas, an ceathramh …
Gnìomhan
Cairtean ceangailte
Dèan suas cairtean mar a leanas, a rèir ’s dè an ìre aig a bheil na sgoilearan, gu leòr airson aon an urra. (Faodaidh tu + no – a chleachdadh cuideachd.)
Geàrr a-mach na cairtean, measgaich iad agus thoir aon do gach sgoilear. Leughaidh a’ chiad sgoilear a-mach na tha air a’ chairt aige agus feumaidh a h-uile duine obrachadh a-mach. Ma tha am freagairt air a’ chairt aca, feumaidh iad a leughadh a-mach.
Cupa na Cruinne
Leugh a-mach sgòran ball-coise, agus feumaidh a’ chlann èisteachd gu faiceallach. Gheibh sgioba 3 puingean ma tha iad a’ buannachadh, 1 ma tha iad co-ionann agus 0 ma tha iad a’ call.
Alba 4 v Brasil 2
An Fhraing 3 v An Eadailt 1
Sasainn 2 v Chile 0
A’ Ghrèig 3 v Sasainn 2
An Eadailt 2 v Alba 0
Brasil 3 v An Fhraing 2
Chile 3 v A’ Ghrèig 3
Alba 0 v Brasil 1
An Eadailt 2 v Chile 2
An Fhraing 1 v Sasainn 4
puingean | |
Alba | |
An Eadailt | |
Chile | |
Brasil | |
An Fhraing | |
Sasainn | |
A’ Ghrèig |
Nuair a tha iad air na clàran a lìonadh, bruidhinn mu dheidhinn, cò tha anns a’ chiad àite, an darna àite msaa.
Faic leabhraichean Heinemann cuideachd airson barrachd ghnìomhan