Mìneachadh
Tha na pàtrain a leanas ag innse mu rud a thuirt cuideigin a thachair (no a tha dol a thachairt) no rud a tha an neach-labhairt a’ smaoineachadh a tha fìor – an turas seo ann an dòigh a tha a’ cur cuideam air facal no abairt àraidh:
- Tha mi a’ smaoineachadh gur e Iain a rinn e. (’S e Iain a rinn e.)
- Tha iad ag innse dhomh gur e seo a thachair.
- Tha mi a’ smaoineachadh nach e Tormod a thuirt sin idir.
Tha an aon seòrsa pàtrain ann le ’s ann:
- Tha e a’ ràdh gur ann air a’ bhus a thàinig e. (’S ann air a’ bhus a thàinig e.)
- Tha mi a’ smaoineachadh gur ann a’ snàmh a bha iad nuair a thachair e.
- Cuimhnich gur ann a-màireach a bhios an gèam mòr ann.
- Tha e a’ ràdh nach ann leis-san a tha an còta sin idir.
Faodar b’ e/b’ ann a chleachdadh mu rudan a thachair ron a seo (ged is e ’s e/’s ann as cumanta) :
- Bha e a’ ràdh gum b’ e cuideigin eile a rinn sin.
- Bha e a’ ràdh gum b’ ann an sin a thachair e.