Tha mi smaoineachadh gur e Iain a rinn e. Tha mi smaoineachadh nach e Iain a rinn e. Tha e a’ ràdh gur ann air a’ bhus a thàinig e.
Dè tha na caractaran a’ smaoineachadh?
Cuir plastaig air builgeanan cainnt agus smaoineachaidh, (meud A4).
Nuair a tha sibh a’ leughadh sgeulachd, stad aig pìosan sònraichte agus feumaidh na sgoilearan, ann am buidhnean beaga, sgrìobhadh sìos na tha na caractaran a’ smaoineachadh neo dè tha iad ag ràdh.
Feumaidh iad an uairsin innse dhan a’ chlas na sgrìobh iad, ag ràdh;
“Tha an rìgh a’ ràdh gur ann leis an teaghlach aige a bha an iuchair .”
“Tha Iain a’ smaoineachadh nach b’ e esan a rinn e.”
Cò am fear an conadal?
Cuir liosta de fhacail suas air a’ bhòrd gheal agus faighnich do na sgoilearan:
Cò am fear an conadal?
Feumaidh na sgoilearan adhbhar a thoirt seachad air ciamar a thagh iad am fear sin. ‘S dòcha gum bi aon fhreagairt fhollaiseach ann ach dh’fhaodadh fear eile a bhith ceart cuideachd cho fad ‘s a tha iad a’ mìneachadh carson.
m.e.
curran
càl
uinnean
plumais
snèap
“Tha mi a’ smaoineachadh gur e ‘plumais’ an conadal.”
(‘S e ‘plumais’ am freagairt follaiseach air sgàth gur e meas a tha ann agus ‘s e glasraich a tha anns na feadhainn eile ach tha freagairtean eile ann cuideachd: me, ‘uinnean’ oir tha e a’ tòiseachadh le fuaimreag m.s.a.a)
Gnìomh
Dè tha iad ag ràdh?
Cleachd dealbhan mar gu h-ìosal le builgeanan còmhraidh. Iarr air a’ chloinn innse dhut (no sgrìobhadh sìos) dè tha gach duine ag ràdh, a’ cleachdadh a’ phàtrain a leanas:
Tha an cù ag ràdh nach b’ e esan a bha ann ach tha an cat ag ràdh gur e esan a rinn e.
Tha am balach a’ ràdh gur ann le a bhràthair a tha an t-itealan.
Cothroman tar-curraicealam
Litreachadh
Geama Kim
Ag obair ann am buidhnean beaga, iarr air a’ chloinn na facail litreachaidh aca a sgrìobhadh air pìosan beaga pàipeir.
Cuir iad air a’ bhòrd agus feumaidh iad sùil geur a thoirt orra. An uair sin, feumaidh iad na sùilean aca a dhùnadh agus bheir aon sgoilear aon de na facail air falbh. Fosglaidh iad na sùilean aca agus feuchaidh iad ri tomhais dè na facail a chaidh a thoirt air falbh.
“Tha mi a’ smaoineachadh gur e ………………. a th’ ann.”
no
“Tha mi a’ smaoineachadh gur e ………………. am facal a chaidh a thogail.”
no
“Tha mi a’ smaoineachadh gur e ……………… am facal a thog thu.” (A-rèir dè pàtran air a bheil thu ag iarraidh obair.)
Ma tha iad ceart, feumaidh iad a litreachadh mus tèid e a chur sìos a-rithist.
Cluedo (Fuasgladh cheistean)
Faodaidh na sgoilearan seo a dhèanamh ann am buidhnean. Dèan suas cairtean mar a leanas, geàrr a-mach iad agus thoir seata do gach buidheann. Feumaidh iad na ceistean fhuasgladh a’ cleachdadh pàtran na seachdain.
Chaidh Mgr Mac an t-Sagairt a lorg le nàbaidh, Flòraidh, anns an t-seòmar-cadail aige aig 0900. Chaidh a mhurt. ? |
Dh’fhàg Mgr Mac an t-Sagairt ? |
Cho luath ‘s s a lorg Flòraidh e, chuir i fòn chun an dotair. Thàinig e aig 10.15. ? |
Cuin a chaidh Mgr Mac an t-Sagairt a mhurt? ? |
Lorg am poileas an t-uaireadair òir aig Mgr Mac an t-Sagairt ann an taigh Flòraidh. ? |
Càit an robh an ceathrar dhaoine aig 22.45 an oidhche a chaidh Mgr Mac an t-Sagairt a mhurt? ? |
Chaidh Mgr Mac an t-Sagairt fhaicinn a’ fàgail cèilidh ann an Talla a’ Bhaile aig 22.50 còmhla ri Flòraidh. ? |
Thuirt an dotair gun robh e air a bhith marbh airson 11 uairean. ? |
Tha Talla a’ Bhaile an-ath-dhoras ris an Taigh Gheal. |
Chaidh Connor a dh’fhaicinn ball-coise còmhla ri caraid an oidhche a chaidh Mgr Mac an t-Sagairt a mhurt. Thòisich am ball-coise aig 20.35, chluich iad airson 90 mionaid agus stad iad letheach slighe airson 15 mionaidean. ? |
Cuin a chriochnaich am ball-coise? ? |
Dh’fhàg Connor am ball-coise nuair a chrìochnaich e agus chaidh e dhachaigh anns a’ chàr. Tha e a’ toirt 1 uair 15 mionaidean airson faighinn dhachaigh. ? |
Thachair Flòraidh ri caraid taobh a-muigh an Talla. Bhruidhinn i rithe airson leth uair a thìde agus an uair sin chaidh i dhachaigh. ? |
Choinnich Màiri ri caraid aig an taigh-chluiche aig 21.00. Mhair an dealbh-chluiche1 uair 30 mionaid agus dhràibh i dhachaigh. ? |
Bha Màiri, Connor agus Mgr Mac an t-Sagairt uile a’ fuireach còmhla anns an Taigh Gheal. ? |
Tha an taigh-cluiche leth uair a thìde air falbh bhon Taigh Gheal ann an càr. ? |
Cò mharbh Mgr Mac an t-Sagairt? Saoil carson? ? |
Na freagairtean
Cuin a chaidh Mgr Mac an t-Sagairt a mhurt? 23.15
Càit an robh an ceathrar dhaoine aig 22.45 an oidhche a chaidh Mgr Mac an t-Sagairt a mhurt?
Mgr Mac an t-Sagairt – fhathast aig a’ chèilidh.
Flòraidh – fhathast aig a’ chèilidh cuideachd.
Màiri – a’ dràibheadh dhachaigh bhon taigh-dhealbh.
Connor – a’ dràibheadh dhachaigh bhon bhall-coise.
Cuin a chrìochnaich am ball-coise? 22.20
Cò mharbh Mgr Mac an t-Sagairt? Saoil carson? A phiuthar Màiri. ‘S dòcha airson an airgid, ‘s dòcha gun robh e gu math mì-sgiobalta!