Mineachadh
Tha na faclan seo, siud, sin air an cleachdadh airson rudan a chomharrachadh a-mach:
- Seo far a bheil mi a’ fuireach.
- Sin (agad) Beinn Nibheis.
- Siud an duine mun robh mi a’ bruidhinn.
Faodar an cleachdadh leotha fhèin ann an seantans mar seo:
- Tha seo math.
- Feumaidh mi sin a dhèanamh.
Tha seo, sin agus ud air an cleachdadh às dèidh faclan eile airson na rudan sin a chomharrachadh a-mach:
- Tha na taighean seo glè shnog.
- Tha iad sin air a’ bhus a h-uile latha.
- Tha am baile ud thall nas motha na am baile againne.