Seo, sin, siud; seo, sin, ud.
Gniòmh
Àm cearcaill
A h-uile duine nan suidhe ann an cearcall. Feumaidh iad innse cò tha rin taobh agus aon rud air a bheil iad math.
me
“Seo Anna agus tha i uabhasach math air dealbhan a pheantadh.”
“Seo Iain agus bidh e gam cuideachadh anns an raon-chluiche.”
Squiggle
Dèan cruth air choreigin air a’ bhòrd gheal agus seall dhan chloinn mar a dh’atharraicheas tu an cruth gu rudeigin eile le bhith a’ cur barrachd ris.
Dèan an aon chruth air an dà thaobh den bhòrd gheal agus tagh 2 sgoilear airson barrachd a chur ris gus dealbh de rudeigin a dhèanamh. Feumaidh a’ chlann eile tomhais dè tha ann agus aig an deireadh bidh na sgoilearan ag innse beagan mu dheidhinn, a’ cleachdadh pàtran na seachdain.
me
“Seo Teàrlach. ’S e teadaidh a th’ ann, ach ’s e teadaidh sònraichte a th’ ann. Bidh e a’ seinn òrain o mhoch gu dubh.”
Seo mo charaid (DTT1)