Mìneachadh
Airson innse mu rud a bha a’ tachairt tric, no an-còmhnaidh, san àm a dh’fhalbh, faodar na riochdan a leanas a chleachdadh an àite bha/an robh/cha robh:
- bhithinn, bhiomaid, bhiodh/bhitheadh.
Mar eisimpleir:
- Bhithinn a’ dol an sin tric nuair a bha mi beag.
- Bhiodh e a’ dol dhan sgoil air a’ bhus gach latha mus d’ fhuair iad càr.
[Tha mi air a ghabhail a-steach ann an bhithinn agus sinn ann an bhiomaid. Tha bhiodh/bhitheadh air an cleachdadh anns a h-uile suidheachadh eile – agus uaireannan le sinn cuideachd: Bhiodh sinn a’ dol ann tric.]
Tha na riochdan bhithinn/bhiomaid/bhiodh/bhitheadh air an cleachdadh leotha fhèin aig toiseach seantans (no clàs) agus às deidh:
- cò/dè/cuin a/carson a/ciamar a? (no an leithid)
- ma, ged a, mar a, nuair a, fhad ’s a, on a, a (no an leithid).
Mar eisimpleir:
- Bhithinn a’ dol ann tric.
- Cuin a bhiodh sibh a’ dol ann?
Tha bhithinn/bhiomaid/bhiodh air an cleachdadh le cha airson a ràdh nach robh rud a’ tachairt:
- Cha bhiodh iad a’ dol an sin tric.
- Cha bhithinn …
- Cha bhiomaid …
Tha bithinn/biomaid/biodh air an cleachdadh airson faighneachd an robh rud a’ tachairt:
- Am biodh sibh a’ dol chun na tràghad tric?
Tha an riochd sin cuideachd air a chleachdadh ann an suidhichidhean mar:
- Thuirt e gum biodh e a’ dol chun a’ mhòid gach bliadhna nuair a bha e beag.
- Sin far am biodh a’ chòisir a’ fuireach nuair a bhiodh iad aig a’ mhòd.
- Càit am biodh sibhse a’ fuireach?
[’S e bhiodh as cumanta na bhitheadh: chan eil bhitheadh air a chleachdadh mar as trice ach ann am freagairt cheistean: Am biodh tu a’ dol ann tric? Bhitheadh. Tha tu air a chleachdadh às dèidh bhiodh/biodh seach thu: Am biodh tu a’ dol ann tric?]
Tha an aon seòrsa pàtrain ri fhaighinn le leithid cuir agus dèan:
- Chuireadh iad a-mach na caoraich aig an aon àm a h-uile bliadhna
- Dhèanadh e sin a h-uile madainn mus fhalbhadh e dhan sgoil.
Chan eil iad seo air an cleachdadh glè thric, ge-tà.