Bhithinn, bhiomaid/bhitheamaid, bhiodh e/i/sinn/sibh/iad. Bhiodh/am biodh/gum biodh/cha bhiodh. Bhithinn a’ dol dhan sgoil air a’ bhus mus d’fhuair sinn càr. Chuireadh.
Gnìomhan
Dè dhèanadh tu?
Faodaidh sibh seo a dhèanamh mar chòmhradh no mar sgrìobhadh.
Inns dhaibh suidheachadh agus faighnich dhaibh dè dhèanadh iad anns an t-suidheachadh sin.
me
“Dè dhèanadh tu nan robh thu air cùl na stèidse aig consairt mòr?”
Dè dhèanadh tu?
Slàinte
Dè dhèanadh tu nam biodh do charaidean uile ag òl deoch-làidir?
Dè dhèanadh tu nan iarradh cuideigin ris an robh thu a’ bruidhinn ann an seòmar-còmhraidh (chatroom) coinneachadh riut?
Leudachadh
Airson beagan spòrs!
Air pìos pàipeir, bidh a h-uile duine a’ sgrìobhadh ceist, “Dè dhèanadh tu …?” Feumaidh iad am pìos pàipeir seo a phasgadh agus a thoirt do chuideigin eile. An uair sin feumaidh iad sgrìobhadh sìos freagairt dhan ceist aca fhèin. Gheibh iad freagairtean neònach mar a leanas!
me
“Dè dhèanadh tu nan tuiteadh tu dhan amar-snàmh?
“Chaidlinn.”
“Dè dhèanadh tu nan tachradh tu ris a’ bhanrigh?”
“Leumainn a-mach cho luath ’s a b’ urrainn dhomh.”
“Dè dhèanadh tu nam biodh tu a’ faireachdainn sgìth?”
Chanainn, “Hallò”!
Measadh
Sgrìobh paragraf no dhà air:
Nan robh còig ràithean ann, cò ris a bhiodh a’ chòigeamh ràith coltach?
Feumaidh na sgoilearean pàtran na seachdain a chleachdadh.
Òrain
Dhèanainn Sùgradh
Sèist
Dhèannain sùgradh ris an nighinn duibh
’N dèidh dhomh èirigh anns a’ mhadainn
Dhèannain sùgradh ris an nighinn duibh
Dhèannain sùgradh ris a’ ghruagaich
Nuair a bhiodh an sluagh nan cadal.
sèist
Dhèannain sùgradh an àm dùsgaidh
‘N àm na siùil a bhith gam pasgadh.
sèist
Diluain an dèidh Didòmhnaich
Dh’fhalbh sinn le Seònaid à Arcaibh
sèist
Riof ga ceangal ‘s riof ga fuasgladh
muir ma gualainn, fuaim is fead oirr’.
sèist
Null ma Chaolas na Ròimh
b’ fheudar dhuinn am bom a leasadh.
sèist
Null ma chaolas na Fraing
Maide na làimh is gaoth ga greasadh .
sèist
Dh’fheumadh pòrsan thigh’nn à bùth dhi
Ged a bhiodh e crùn an cairteal.
sèist
Ged a bhiodh e crùn an òirleach
Dh’fheumadh pòrsan dheth thigh’nn dhachaigh.