Mìneachadh
A bharrachd air a bhith air a chleachdadh ann an abairtean anns a bheil e ‘ceangailte’ ri facal (an càr agam, an leabhar aice) tha aig air a chleachdadh cuideachd ann an seantansan le tha, bha, bidh airson innse gum buin rud do chuideigin:
- Tha càr ùr aig Calum.
- Tha seacaid ghorm aig Catriona.
- Tha còta ùr agam.
- Tha tòrr CDan aca.
[Tha am pàtran seo ga chleachdadh nuair nach eil an t-alt (an/am, a’, an t-, na) leis an fhacal. Ma tha, tha ciall na seantans ag atharrachadh: San t-seantans ‘Tha an leabhar aig Ceit’ cha bhuin an leabhar do Cheit, ’s dòcha – dh’fhaodadh i a bhith dìreach ga chleachdadh. Dh’fhaodadh tu ràdh, ‘Tha an leabhar aig Ceit ach buinidh e do Mhàiri.’]
Airson seantans a dhèanamh ag innse gum buin rud do chudeigin, tha le (ann an diofar riochdan) air a chleachdadh, mar as trice le ’s ann, an ann, chan ann:
- ’S ann le Màiri a tha am baga sin.
- An ann leis a’ bhoireannach sin a tha an còta?
- ’S ann le mo mhic a bhios am fortan seo uaireigin.
Agus le mi, thu …
- ’S ann leamsa a tha sin.
- An ann leatsa a tha e?
- Leamsa a tha e.
- Cò leis a tha e? [Cò leis a bheil e?]
Leam(sa), leat(sa), leis(-san), leatha(se), leinn(e), leibh(se), leotha(san)
Faodar le a chleachdadh le tha, bha, bidh a-mhàin ach chan eil seo cho cumanta:
- Cò leis a tha a’ bhonaid sin?
- Tha i le Uilleam.
- Tha i leamsa.