Tha càr ùr aig Calum; tha còta ùr agam; ‘s ann le Màiri a tha am baga sin; an ann leatsa a tha e?; tha a’ bhonaid sin le Uilleam; leam(sa), leat(sa), leis(-san), leatha(se), leinn(e), leibh(se), leotha(san)
Cothroman ann an cànan a’ chlas airson eisimpleirean a thoirt don chloinn air structaran
Deasaich bogsa far am bi a’ chlann a’ cur am bìdh airson àm cluiche. Aig àm cluiche, togaidh an tidsear gach rud a-mach às a’ bhogsa a’ faighneachd:
“Cò leis tha seo.”
“’S ann leamsa a tha e.”
Nuair a tha thu a’ cur a-mach dhealbhan/leabhraichean, faighnich “Cò leis tha seo?”
Gnìomhan
Cò leis tha seo?
Aig deireadh an latha, iarr air na sgoilearan na seacaidean, na brògan agus na bagaichean aca a chur ann am meadhan an làir. Measgaich iad. Tog suas gach pìos agus faighnich ceistean do dhiofar sgoilearan mar a leanas.
“Cò leis a tha seo?”
“An ann le Seònaid a tha an stoc sin?”
Dèan seo gach latha gus am fàs iad cleachte ris a’ phàtran sin.
Òrain agus rannan (Dè thuirt thu?)
An teaghlach agamsa