Mìneachadh
Tha faclan àraidh mar còmhla, coltach, faisg, seachad a’ dol còmhla ri leithid ri no air gus abairtean cumanta a dhèanamh, leithid:
- còmhla ri, coltach ri
- faisg air, seachad air, a bharrachd air, mun cuairt air.
Tha na h-abairtean seo ag obair anns an aon dòigh ri ri agus air:
- a bharrachd air ceud, còmhla ris a’ ghille, còmhla ris a’ chaileig, coltach ris an Fhraing, mun cuairt air an teine, faisg air an t-sruth, faisg air na cnuic.
Agus le mi, thu…:
- còmhla rium, coltach riut, faisg air, seachad oirre, a bharrachd oirnn, mun cuairt oirbh, còmhla riutha.