Skip to content

Obair ìre T

Còmhla ri, coltach ri; faisg air, seachad air; tarsainn air, a bharrachd air; mun cuairt air

Gnìomh

Falach fead
(faisg air)

Feumaidh a’ chlann an sùilean a dhùnadh. Cuir teadaidh no dèideag ann an àite caran follaiseach anns a’ chlas. Feumaidh a’ chlann an sùilean fhosgladh agus coimhead airson teadaidh.

“Chì mi teadaidh. Tha e faisg air an doras.”
“Tha e faisg orm.”

 

Leudachadh
Falaich e ann an àite nas doirbhe. Tagh dithis airson an teadaidh a lorg. Faodaidh tu cuideachadh a thoirt dhaibh, me “tha e faisg air rudeigin a bhios a’ dol air.”

 

Tro na flùraichean (Geama DTT1, 50)

 

Chaidh mise dhan bhùth…
A’ suidhe ann an cearcall.  A’ smaoineachadh air ainmean a’ tòiseachadh le gach litir den aibidil.

Sgoilear 1: “Chaidh mise dhan bhùth agus chaidh Anna còmhla rium.”
Sgoilear 2: “Chaidh mise dhan bhùth agus chaidh Anna agus Beathag còmhla rium.” msaa

 


 

Cothroman tar-churraicealaim

Toiseach tòiseachaidh air bàrdachd
A’ suidhe ann an cearcall timcheall air bòrd. Cuir dheth na solais, las coinneal agus iarr air a’ chloinn coimhead air an lasair agus beachdachadh air cò ris a tha e coltach.

Geàrr a-mach cruth lasair à paipear orains no buidhe agus feumaidh na sgoilearan na beachdan aca a sgrìobhadh ann an sin.

“Tha e coltach ri …”

Dèan taisbeanadh air a’ bhalla le na lasraichean.

 

Òrain agus rannan (Dè thuirt thu?)

’S ann an Ìle (còmhla rium)
A’ bhana-bhuidseach (còmhla rithe)
Tro na flùraichean (còmhla riumsa)

 

 

Print Friendly, PDF & Email

© Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig 2024