Skip to content

Bha/An robh/Cha robh

Mìneachadh

Tha caochladh dhòighean sa Ghàidhlig air innse mu rudan a thachair ron a seo, nam measg a bhith a’ cleachdadh:

  • bha, an robh, cha robh.

Tha an riochd bha air a chleachdadh aig toiseach seantans (no clàs) agus às dèidh:

  • cò/dè/cuin a/carson a/ciamar a? (no an leithid)
  • ma, ged a, mar a, nuair a, fhad ’s a, on a, a (no an leithid).

Mar eisimpleir:

  • Bha e ann.
  • Dh’obraich mi cruaidh agus bha mi sgìth. (‘clàs’)
  • bha ann?
  • Thachair seo fhad ’s a bha sinn a-muigh.

Tha an riochd robh air a chleachdadh airson faighneachd an do thachair rud no airson a ràdh nach do thachair:

  • An robh thu ann?
  • Cha robh duine aig an taigh.

Tha robh air a chleachdadh cuideachd ann an suidhichidhean leithid:

  • Thuirt e gun robh e sgìth.
  • Sin an duine ris an robh mi a’ bruidhinn
  • Càit an robh thu?
  • Sin far an robh iad a’ fuireach aig an àm sin.

Tha bha/an robh/cha robh air an cleachdadh airson sealltainn càit an robh rud no cò ris an robh rud coltach:

  • Bha sinn sa bhùth.
  • Bha i fuar an-dè.

Tha iad air an cleachdadh cuideachd le faclan gnìomh airson innse mu rud a thachair thairis air ùine:

  • Bha e a’ ruith fad uair a thìde.
  • Cha robh iad ag obair idir an-dè.

Ma tha faclan airson rudan mar bòrd no uinneag a’ dol leis an fhacal gnìomh, chan eil iad ag atharrachadh nuair nach eil an t-alt (an, am, a’, an t-) leotha:

  • Bha mi a’ glanadh bòrd.
  • Bha mi a’ glanadh uinneag.

Tha iad ag atharrachadh, ge-tà, ma tha an talt leotha (am bòrd, an uinneag). Tha an t-atharrachadh a rèir a bheil am facal fireannta (mar bòrd) no boireannta (mar uinneag):

  • Bha mi a’ glanadh a’ bhùird.
  • Bha mi a’ glanadh na h-uinneig(e).

Ma tha mi, thu, e, i, sinn, sibh, iad a’ dol leis an rud a thachair, tha am pàtran a leanas air a chleachdadh:

  • An robh thu gam fhaicinn? (mi)
  • Bha mi gad chluinntinn. (thu)
  • Càit an robh thu ga chur (e)
  • Bha iad ga h-ithe (me, a’ chèic). (i)
  • An robh iad gar cluinntinn? (sinn)
  • Bha mi gur feitheamh ùine mhòr. (sibh)
    • Bha iad gan dèanamh. (iad) 
    • Bha iad gam bruich. (iad)

[Tha toiseach fhaclan ag atharrachadh às dèidh gam (mi), gad (thu), ga (e). Uaireannan, tha gam agus gad air an ràdh mar dhà fhacal: ga mo (gam), ga do (gad).]

 


Print Friendly, PDF & Email

© Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig 2024