Obair ìre 1

Bha/an robh/cha robh; bha mi sgìth; bha mi an-àird anmoch a-raoir; bha e a’ glanadh a’ bhùird; cha robh mi gan cluinntinn

Gnìomhan

Dèan suas cairtean le plastaig orra, aon le òrdag suas le ‘bha’ sgrìobhte oirre, agus aon le òrdag sìos agus ‘cha robh’ sgrìobhte oirre.

Faighnich tòrr cheistean dhaibh. Feumaidh iad am freagairt ceart a chur suas.

Graphic Text: Bha / Cha robh

Eachdraidh mo bheatha

Mar gu h-àrd ach faodaidh iad na h-abairtean aca fhèin a sgrìobhadh sìos.

 

Seantansan

Cuir faclan suas air a’ bhalla (’s dòcha faisg air a’ bhòrd sgrìobhaidh). Feumaidh na sgoilearan na facail a chleachdadh gus seantansan a dhèanamh.

me

Graphic Text Boxes

 

Faodaidh tu seo a leudachadh nuair a dh’fhàsas a’ chlann cleachdte ris.

 

Faireachdainnean

A’ cleachdadh sgeulachd air a bheil a h-uile duine eòlach, feumaidh na sgoilearan smaoineachadh mu dheidhinn faireachdainnean nan caractaran.

Cuir a’ chlann ann am buidhnean – aon bhuidheann airson gach caractar a tha thu ag iarraidh bruidhinn mu dheidhinn. Cleachd builgeanan smuain le plastaig orra agus thoir 3 do gach buidheann. Feumaidh iad smuaintean nan caractaran aca a sgrìobhadh sìos aig trì diofar phàirtean den sgeulachd.

Nuair a tha iad deiseil, cruinnich na buidhnean còmhla agus feumaidh iad na freagairtean aca ag aithris dhan a’ chlas.

 

me

Na trì mucan beaga

 

Caractar – Madadh-allaidh

Graphic Text

 

 

Tidsear: “Ciamar a bha am madadh-allaidh a’ faireachdainn aig an toiseach?”

Neach-aithris: “Bha an t-acras air.”

Tidsear: “Ciamar a bha am madadh-allaidh a’ faireachdainn an dèidh sin?”

Neach-aithris: “Bha e air bhioran. Bha e mòr às fhèin.”

Tidsear: “Ciamar a bha e a’ faireachdainn aig an deireadh?

Neach-aithris: “Bha e brònach agus a’ faireachdainn duilich air a shon fhèin.”

 

Anns a’ chùirt

Cleachd caractaran bho dhiofar sgeulachdan: bidh sgeulachdan traidiseanta ag obair uabhasach math airson a’ ghnìomh seo. Tha an tidsear na b(h)reitheamh ann an cùirt agus tha na sgoilearan nan caractaran bhon sgeulachd. Bidh an tidsear a’ faighneachd cheistean a’ cleachdadh pàtran na seachdain.

me

“Goldilocks, inns an fhìrinn, an robh thu riamh ann an taigh nam mathan?”

“Mamaidh mathan, ciamar a bha thu a’ faireachdainn nuair a thàinig thu dhachaigh agus a h-uile rud briste?”

msaa

 


Cothroman tar-churraicealaim

Sgrìobhadh – Suidheachadh

Faodaidh tu tòrr obair a dhèanamh air suideachadh a’ cleachdadh nam pàtran seo.

me

Faighnich dhaibh suidheachadh freagarrach a sgrìobhadh airson toiseach sgeulachd eagalach.

“Bha e dorch agus bha a’ cheò a’ tuiteam. Cha robh duine mun cuairt.”

 

 

Print Friendly, PDF & Email