Aithghearrachd
Tha na pàtrain a leanas air an cleachdadh airson cuideam a chur air rud:
‘S e Iain a bhris an cupa.
- An e an tidsear a thuirt sin riut? ‘S e/chan e.
‘S ann dubh a tha falt Anna, chan ann ruadh.
- ‘S ann an sin a thachair e.
- An ann a’ magadh orm a tha thu?
- An ann air a’ bhus a chaidh thu dhachaigh? ‘S ann/chan ann.
Bha dùil agam a dhol ann ach ‘s ann a chaidh mi dhachaigh.
- An àite a dhol dhachaigh tràth, ‘s ann a chaidh mi chun a’ chèilidh.