Skip to content

Fiosrachadh

Tha an làrach-lìn seo a’ mìneachadh gràmar na Gàidhlig ann an cainnt shìmplidh agus a’ moladh dhòighean air comas cànain sgoilearan a leasachadh.

Tha an ‘Ro-ràdh’ air duilleag-dachaigh Mìrean – le riochd Beurla airson luchd-foghlaim gun Ghàidhlig – a’ moladh mar a dh’fhaodar an stuth a chur gu feum san sgoil.

Female Reading
Hands on book

’S e an ‘Clàr-amais’ aig bàrr na duilleige an doras a-steach dhan chòrr den làrach. Ma chuirear an cursair os cionn seo, thig clàr sìos a’ sealltainn nan 14 earrannan de Mhìrean. Nuair a ghluaisear sìos an colbh seo, tha colbh a’ fosgladh air an làimh cheart a’ sealltainn nam puingean cànain a tha air an gabhail a-steach anns gach earrann.

A’ dol air ais chun an tiotal ‘Clàr-amais’ aig bàrr na duilleige, ma chliogar air a seo fosglaidh duilleag ùr a’ sealltainn nan 14 earrannan ann an riochd eile: bhiodh e feumail, ma dh’fhaoidte, an duilleag seo a phriontadh agus a chumail airson fiosrachadh.

Tha na pàtrain cànain air an ainmeachadh a rèir na h-obrach a tha iad a’ dèanamh seach a’ ghràmair thraidiseanta. Mar eisimpleir: ‘Ag innse mu rudan a thachair ron a seo’, ‘Cò ris a tha rud no neach coltach’ agus ‘A’ cur cuideam air rud’. Tha seo a’ dol le dòigh-teagaisg foghlam tro mheadhan na Gàidhlig far a bheil sgoilearan ag ionnsachadh a’ chànain tro bhith ga cleachdadh: tha dùil mar sin gun tig tidsearan suas ris glè luath.

Nuair a chliogar air earrann sam bith de na 14, tha duilleag a’ fosgladh fon ainm ‘Aithghearrachd’ a tha a’ toirt cunntas goirid air na puingean cànain san earrainn sin. Tha colbh eile a’ fosgladh air an làimh cheart a’ sealltainn, ann an sgrìobhadh dubh, ainm na h-earrainn agus, fon a sin, na pàtrain cànain a tha i a’ gabhail a-steach.

Nuair a chliogar air gin sam bith dhiubh sin, fosglaidh duilleag a’ mìneachadh a’ phàtrain sin. Sa cholbh air an làimh cheart chithear grunn roghainnean: tha ‘Eisimpleirean’ a’ sealltainn diofar riochdan den phàtran (a dh’fhaodas tidsearan a chleachdadh gus an stuth-teagaisg fhèin a chur ri chèile) agus tha ‘Obair’ a’ moladh dhòighean-teagaisg a ghabhas cleachdadh san sgoil (bho ìre Tràth gu ìre 3 CSM).

Boy reading book
Girl using computer

Airson luchd-cleachdaidh a tha eòlach air gràmar, fosglaidh ‘Clàr-innse’ (aig bàrr na duilleige) clàr leis a’ bhriathrachas gràmair thraidiseanta – ‘buadhair’, ‘co-ghnìomhair’ etc – a tha ag innse na h-earrannan den làrach sam faighear na puingean gràmair sin.

Chaidh susbaint an làraich a sgrìobhadh le Dòmhnall Iain MacLeòid, a tha mion eòlach air foghlam, agus air na duilgheadasan a thaobh gràmar a bhios aig sgoilearan.  Chaidh na stuthan-taic a rannsachadh agus a dheasachadh le Angela Nic a’ Mhaoilein a tha na tidsear bun-sgoil.  Ar taing dhaibh.

Print Friendly, PDF & Email

© Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig 2024