Rinn/an do rinn/gun do rinn/cha do rinn; chunnaic/am faca/gum faca/chan fhaca; chuala/an cuala/gun cuala/cha chuala; thuirt/an tuirt/gun tuirt/cha tuirt
Cothroman ann an cànan a’ chlas airson eisimpleirean a thoirt don chloinn air structaran
“An do rinn thu d’ obair?”
“Dè rinn thu aig an deireadh-sheachdain?”
“Tha mi a’ smaoineachadh gun do rinn thu glè mhath!”
“Am faca tu Mgr Macleòid anns a’ mhadainn?”
“An cuala mi cuideigin a’ bruidhinn Beurla?!”
“Thuirt Mamaidh gun do rinn thu dealbh math aig an taigh”
“An tàinig thu air a’ bhus an-diugh?”
Gnìomhan
Tha Sìm ag ràdh
- Chuala mi/Cha chuala mi
An tidsear no leanabh ag ràdh:
“Tha Sìm ag ràdh, anns an t-sutha chuala mi pitheid a’ sgreuchail.”
(nì a’ chlann fuaim pitheid a’ sgreuchail)
ach ma tha an tidsear no leanabh ag ràdh:
“Tha Sìm ag ràdh, anns an t-sutha cha chuala mi leòmhann ag èigheachd.”
(chan èigh a’ chlann mar leòmhann)
Tha iad a-mach ma nì iad fuaim aig an àm cheàrr.
- Chunnaic/Chan fhaca
An tidsear no leanabh ag ràdh:
“Tha Sìm ag ràdh, anns an taigh agamsa chunnaic mi each a’ dannsa.”
(Nì a’ chlann dannsa mar each.)
“Tha Sìm ag ràdh, anns an taigh agamsa chan fhaca mi cù a’ coiseachd.”
(Cha choisich a’ chlann mar chù.)
Chaidh mise dhan t-sutha
A h-uile duine nan suidhe ann an cearcall.
Sgoilear 1: “Chaidh mise dhan t-sutha agus chunnaic mi….”
A h-uile duine: “Am faca?”
Sgoilear 1: “Chunnaic/chan fhaca”
Mar is èibhinne a tha e, ’s ann as fheàrr a tha e!
Leudachadh
A’ dol timcheall ’s bidh a’ chlann a’ cuimhneachadh na chaidh a ràdh roimhe agus a’ dèanamh liosta.
Sgoilear 1: “Chaidh mise dhan t-sutha agus chunnaic mi muncaidh molach”
Sgoilear 2: “Chaidh mise dhan t-sutha agus chunnaic mi muncaidh molach agus ailbhean àlainn.
msaa
Pocain pònair anns a’ bhogsa
Ann am buidheann beag. Tha aon duine a’ faighinn 5 pocain pònair agus feumaidh iad an tilgeil ann am bogsa a tha pìos air falbh.
Tidsear: “Cia mheud a fhuair thu dhan a’ bhogsa?”
Sgoilear: “Fhuair mi 3 dhan a’ bhogsa.”
Bidh a h-uile duine anns a’ bhuidheann a’ faighinn cothrom na pocain a thilgeil.
’S urrainn dhaibh na sgòran a chlàradh air duilleag-comharrachaidh agus graf sìmplidh a dhèanamh cuideachd.
Tha an gnìomh seo math airson sgilean gluasaid a leasachadh.
Rudan gòrach
A’ chlann nan suidhe ann an cearcall no aig na bùird aca.
An tidsear: “Dè chunnaic thusa anns a’ bhaile an-dè?”
Sgoilear: “Chunnaic mise ailbhean a’ dannsa.”
An tidsear: “Am faca?”
A h-uile duine: “Chan fhaca, tha sin gòrach!”
Cothroman tar-churraicealaim
Ceòl
A’ chlann a’ cleachdadh ionnstramaidean airson fuaimean a dhèanamh a chluinneas sinn aig amannan sònraichte. “Rinn mi fuaim mar…” neo “Tha mi a’ smaoineachadh gun cuala mi…”
me
Oidhche Shamhna: taibhsean, bana-bhuidseach a’ sgreuchail.
Nollaig: Rudolph a’ coiseachd air mullach taighe, Bodach na Nollaig a’ tighinn a-nuas an similear!
An t-earrach: Na h-uain, iseanan a’ bìogail
Air tuathanas: Na diofar bheathaichean.
A’ cluich anns a’ ghainmhich
Cuir rudan am falach anns a’ ghainmhich. Iarr air a’ chloinn an lorg agus an roinn a rèir an seòrsa. me
Rudan dearg/gorm/uaine/buidhe
Rudan a tha cruinn no ceàrnagach
Rudan a thèid a ghluasad
Triantain/ceàrnagan/cearcaill
Tha a’ chlann a’ toirt iomradh air na chruinnich iad agus mar a bha iad a’ cuideachadh a chèile, me
“Fhuair mi bàta dearg anns a’ ghainmhich.”
“Thug Iain triantan buidhe dhomh”
“Bheir mi dhut e..”
Òrain agus rannan (Dè thuirt thu?)
Am bodach beag annasach (Chunnaic)
An cuala tu (Chuala)
Aon, dhà, trì, tha cuilean agam fhìn (Chunnaic, chuala)
Blàrag (Chaidh, bheir)
Brògan ùra (Fhuair)
Chaidh còig tunnagan beaga a shnàmh (Chaidh)
Chaidh mi dhan sgoil an-dè (Rinn, chaidh, chunnaic)
Chaidh mise dhan bhaile (Chaidh, chunnaic)
Chaidh mise dhan bhùth an-dè (Rinn, chaidh, chunnaic, fhuair)
Chaidh sinn a bhuain na mònach (Chaidh)
Chuala mi a’ chuthag (Chuala)
Cò rinn an rionnag bhrèagha? (Rinn)
Còig luchainn bheaga gheala (Chaidh)
Còig uighean ann am basgaid (thug)
I-bhì-a-da (Chunnaic, rinn)
Na maragan aig Ruairidh (rinn)
Noah ’s a’ bhean ’s a’ mhic (Chaidh)
Phiseag bheag (Rinn)
Rinn mi bodach-sneachd’ an-dè (Rinn)
Seoc is Sìne (Chaidh)