Skip to content

An cat, an sruth (faclan fìreannta)

Mìneachadh

Tha na faclan Gàidhlig airson rudan agus daoine (me, cat, fear) a’ leantainn pàtran àraidh a rèir co-dhiù a tha iad fireannta no boireannta, suidheachadh an fhacail san t-seantans agus na litrichean a tha aig toiseach, meadhan no deireadh an fhacail. Tha am mìneachadh seo a’ dèiligeadh ri faclan fireannta.

’S e na riochdan sìmplidh de fhaclan fireannta (càr, aran) leis an alt (an/am, a’, an t-):

  • an càr, an doras, an loch, an nead, an rathad, an sruth, an sùgh, an taigh
  • am bodach, am feur, am fraoch, am flùr, am mòd, am portan
  • an t-aran, an t-eun, an t–isean, an t-òrd, an t-ugh.

Ma tha aig, air, anns, ris, don a’ tighinn romhpa, tha faclan fireannta a’ tòiseachadh le b, c, g, m, p ag atharrachadh aig an toiseach a-mhàin agus tha an t-alt a’ tionndadh gu a’:

  • air a’ bhòrd
  • anns a’ chàr

Ma tha am facal a’ tòiseachadh le s + a/e/i/o/u no le s + l/n/r, tha toiseach an fhacail agus an t-alt ag atharrachadh mar a leanas:

  • an sèithear: air an t-sèithear
  • an sruth: anns an t-sruth.

Tha faclan a’ tòiseachadh le a/à, e/è, i/ì, o/ò, u/ù agus le f + a/e/i/o/u a’ leantainn a’ phàtrain seo:

  • an t-òrd: leis an òrd
  • an t-ugh: leis an ugh
  • am feadan: leis an fheadan
  • am fraoch: anns an fhraoch.

 Chan eil faclan fireannta a’ tòiseachadh le d, t, l, n, r, sg, sm, sp, st ag atharrachadh:

  • aig an doras
  • anns an sgioba

Ma tha facal eile no abairt leithid ri taobh no a’ leughadh a’ tighinn romhpa, tha faclan fireannta leis an alt (an/am, a’, an t-) ag atharrachadh mar a leanas – aig an toiseach agus aig an deireadh (ma tha sin comasach do na litrichean a tha ann).

  • am bus: doras a’ bhus
  • an càr: ri taobh a’ chàir
  • an doras: iuchair an dorais
  • an leabhar: leughadh an leabhair
  • an sèithear: ri taobh an t-sèitheir
  • an sligeanach: slige an t-sligeanaich
  • an t-isean: ite an isein
  • am feadan: a’ cluiche an fheadain

Ma tha dà fhacal ceangailte ri chèile (mullach + taigh), chan eil an t-alt (an/am, a’, an t-) a’ dol ach leis an dara fear. Ma tha barrachd air dà fhacal mar seo, chan eil ag atharrachadh ach am fear mu dheireadh:

  • mullach an taighe
  • mullach taigh a’ bhodaich.

Mura bheil an t-alt (an/am, a’, an t-) le facal, tha am facal mar as trice ag atharrachadh às dèidh facal eile: cas bùird, doras càir. Chan eil seo cho cumanta a-nise às dèidh faclan gnìomh, ge-tà: Tha mi a’ leughadh leabhar (math), a’ gluasad sèithear, a’ dràibheadh càr.

 


Print Friendly, PDF & Email

© Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig 2024