Mìneachadh
Tha grunn dhòighean eile ann a ghabhas cleachdadh airson innse gun deach (no gun tèid) rudeigin a dhèanamh air rud no neach.
Tha am pàtran a leanas stèidhte air tha, bha, bidh còmhla ri air agus faclan gnìomh leithid sgrìobhadh no cumail:
- Tha an rabhadh air a sgrìobhadh ann an dearg.
- Tha na leabhraichean air an cumail anns a’ phreasa sin.
- Tha mi air mo leòn.
[Tha rabhadh agus a a’ co-fhreagairt air a chèile sa chiad seantans, na leabhraichean agus an san dara seantans agus mi agus mo san tè mu dheireadh.]
Tha an ath phàtran stèidhte air tha còmhla ri gam, gad, ga, ga h-, gar, gur, gan/gam agus faclan gnìomh leithid sàrachadh no fliuchadh:
- Tha thu gad shàrachadh fhèin.
- Tha sibh gar fliuchadh.
- Tha na dorsan gam peantadh.
[Tha thu/gad a’ co-fhreagairt a chèile sa chiad seantans, sibh/gar san dara tè agus na dorsan agus gam san t-seantans mu dheireadh. Uaireannan tha gam agus gad air an ràdh mar dhà fhacal: ga mo, ga do.]
Mu dheireadh, tha na pàtrain a leanas air an cleachdadh ann an suidhichidhean àraidh:
Gabh:
- Cha ghabh sin dèanamh.
- Cha ghabh e ithe.
Dèante:
- Dh’fhàgte a-muigh e fad na h-oidhche.
- Tha sin sgrìobhte san leabhar.
Tha + ri/gun:
- Tha tòrr ri dhèanamh.
- Tha tòrr dhaoine againn ri fhaicinn.
- Tha tòrr gun dèanamh fhathast.
Faod/feum:
- Faodar na solais a chur dheth.
- Feumar an rùm a sgioblachadh.