Skip to content

Dachaigh

Mìrean – Gràmar na Gàidhlig

Tha Mìrean a’ toirt stiùireadh air:

  • na prìomh phàtrain ann an gràmar na Gàidhlig
  • mar a dh’fhaodas tidsearan an teagasg agus an daingneachadh sa chlas.

Tha e air a mholadh gun cuir sgoiltean ri chèile prògram cànain stèidhte air Mìrean a bheir Gàidhlig sgoilearan air adhart ceum air cheum, o sgoil-àraich gu àrd-sgoil.

Bu chòir seo a bhith a’ gabhail a-steach:

  • ‘leasain’ cànain air an dèanamh gach latha (no co-dhiù gu cunbhalach)
  • teagasg agus daingneachadh cànain an lùib obair àbhaisteach a’ chlas.

Airson an dà dhòigh-obrach sin fhighe na chèile, tha e air a mholadh gun cuir sgoiltean air dòigh prògram de ‘thargaidean cànain’, far a bheil pàtran àraidh (no seata phàtrain) air a thaghadh mar thargaid airson clas no buidheann airson ùine àraidh – mar eisimpleir, seachdain (no nas fhaide) no an ùine a bhios pròiseact àraidh a’ ruith. [Anns na pìosan-obrach ann am Mìrean tha an abairt ‘Pàtran na Seachdain’ air a chleachdadh mar aithghearrachd ach faodaidh iad toirt nas fhaide, no nas giorra, na seachdain.]

Two people reading

Faodar na targaidean a thaghadh airson gu bheil na sgoilearan a’ faighinn nam pàtran sin doirbh no gu bheil iad a’ dol le cuspair àraidh (e.g. ‘bhiodh’ le eachdraidh) no dìreach gu bheil iad nam pàirt de phrògram na sgoile airson Gàidhlig aig an ìre sin.

Fhad ’s a tha an targaid a’ ruith, bu chòir am pàtran cànain sin a bhith air a theagasg agus air a dhaingeachadh gu tric agus ann an caochladh dhòighean, nam measg:

  • teagasg dìreach
  • a bhith a’ tarraing aire gu mearachdan agus gan ceartachadh gu cunbhalach
  • obair èisteachd, labhairt, leughaidh agus sgrìobhaidh tarsainn air a’ churraicealam
  • dòighean iomchaidh eile

:

 

Print Friendly, PDF & Email

© Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig 2024