Mineachadh
Tha na gnàthasan-cainnte a leanas cuideachd ag innse gun urrainnear rud a dhèanamh (no nach urrainn):
Gabh:
- Gabhaidh sin dèanamh.
- Cha ghabh sin ithe
Chi, cluinnidh …:
- Chì thu am muir às a seo.
- Chan fhaic mi am bòrd-dubh gun ghlainnichean.
Rach + aig + air:
- Thèid agam air coiseachd ged a tha mo chas goirt.
- Bha e doirbh ach chaidh againn air a’ bheinn a shreap.