Gabhaidh sin dèanamh. Cha ghabh sin ithe. Chan fhaic mi am bòrd-dubh gun ghlainnichean. Bha e doirbh ach chaidh againn air a’ bheinn a shreap.
Gnìomh
Dè chì thu bhon uinneag agad?
Iarr air a’ chloinn dealbh a dhèanamh bho uinneag cuideigin sònraichte. Faodaidh seo a bhith ceangailte ri cuspair no leabhar air a bheil sibh ag obair.
m.e.
Leanabh anns na h-Ìnnseachan
Croitear aig àm na Fuadaichean
Tearlach òg Stiùbhart
Goldilocks bho thaigh nan trì mathain
m.s.a.a
Feumaidh iad seantansan a’ sgrìobhadh mu dheidhinn, a’ cleachdadh pàtran na seachdain.
“Chì mi……..”
“Chan fhaic mi…………”
Dè a th’ ann?
Thoir a-steach rud annasach dhan chlas, m.e. seann sgàthan, iuchair, seann phìos a-mach à inneal-glanaidh, agus m.s.a.a.
Faighnich dhaibh ceistean mar “Cò ris a tha e coltach?” “Dè a nì thu leis?” Feumaidh iad am mac-meanmain a chleachdadh airson seo.
An uair sin, ann am buidhnean beaga, feumaidh iad smaoineachadh air còig cleachdaidhean ùra air a shon, a’ cleachdadh pàtran na seachdain.
m.e.
“Gabhadh e cleachdadh …….”
Gabhaidh seo dèanamh gach seachdain airson sgilean smaoineachaidh a leasachadh. Cùm na rudan ann am “Bogsa Sgrìobhaidh.”
Cothroman tar-curraicealam
Ceòl
Chì mi ‘n tìr
Chì mi ‘n tìr sa robh mi nam bhalach,
Tìr na suinn Leac a’ Lì nam shealladh,
Chì mi ‘n tìr sa robh mi nam bhalach.
À tìr nan Suaineach a rinn sinn gluasad,
‘S i leinn an uair sin tighinn tuath air Sgalpaigh,
Chì mi ‘n tìr sa robh mi nam bhalach.
Ged ‘s creagach cruaidh e cha toir mi fuath dha,
Far bhàrr a’ chuain àite ‘s bòidhche sheallas,
Chì mi ‘n tìr sa robh mi nam bhalach.
Ged ‘s creagach grànnd’ i, an tìr ri h-àireamh,
Chan eil nas àille far bhàrr na mara,
Chì mi ‘n tìr sa robh mi nam bhalach.
Chì mi ‘n t-iasgair a’ cur nan lìon ann,
‘S ann leotha bu mhiann bhith sa chiar gan tarraing,
Chì mi ‘n tìr sa robh mi nam bhalach.
Nam faighinn ordugh a’ gheòla lòbhradh,
Gur mi bhiodh deònach ga seòladh dhachaigh,
Chì m i’n tìr san robh mi nam bhalach.
Sin thuirt Eòghainn ‘s e tighinn nam chòmhradh,
Nach seall thu ‘n Gòbhtaidh fo Shròin na Hearradh,
Chi mi’n tir sa robh mi nam bhalach.
‘S tha mi fo ghruaimean on rinn mi gluasad,
Mi caoidh na gruagaich tha ‘m Bruaich na Caradh,
Chì mi ‘n tìr sa robh mi nam bhalach.
Is ma tig an Dùbhlachd gu fàg mi ‘n t-“Siùna,”
Is gum bi mo dhùil dhol le sunnd gum dhachaigh,
Chì mi ‘n tìr sa robh mi nam bhalach.