Mìneachadh
Tha na faclan beag, mòr, math, dona, dubh, geal, luath, mall agus an leithid air an cleachdadh airson innse cò ris a tha rud no neach coltach.
Nuair a tha iad ‘ceangailte’ ri facal eile, ann an seantans a tha mu dheidhinn rudeigin eile, tha na faclan seo ag atharrachadh a rèir an e facal fireannta no boireannta leis a bheil iad a’ dol no a bheil còrr is aon ann dhen rud:
- Tha balach beag aig an doras. (fireannta)
- Tha caileag bheag còmhla ris. (boireannta)
- Tha uinneagan mòra air an taigh sin. (còrr is aon)
- Tha leabhraichean matha anns an leabharlann.
- Tha balaich mhòra a’ cluiche san sgioba sin.
- Tha trì cait gheala againn.
[Chan eil toiseach an fhacail ag atharrachadh nuair is e –an no –ichean a tha a’ sealltainn gu bheil còrr is aon ann ach tha leis a’ phàtran: balach > balaich, cat > cait. Chan eil –a a’ dol aig deireadh fhaclan fada mar laghach no gòrach: piseagan laghach.]
Ma tha leithid aig, air, anns, ris, don air an cleachdadh leis a’ phrìomh fhacal (balach, bùth), tha an toiseach aig beag, mòr, math ag atharrachadh mar a leanas:
- leis a’ bhalach bheag (fireannta)
- anns a’ bhùth mhòir (boireannta).
[Ie, tha toiseach fhaclan mar beag, mòr ag atharrachadh le faclan boireannta agus fireannta ach chan eil an deireadh ag atharrachadh ach a-mhàin le faclan boireannta.]
Ma tha facal eile no abairt mar ri taobh no a’ lorg a’ tighinn ron phrìomh fhacal (cat, seacaid), tha toiseach agus deireadh beag, caol, geal ag atharrachadh mar a leanas:
- earball a’ chait chaoil (fireannta),
- a’ glanadh na seacaid ghil no a’ glanadh na seacaide gile (boireannta).
[Anns an eisimpleir mu dheireadh, ’s e na seacaid ghil an riochd as cumanta san latha an-diugh ach chithear agus cluinnear an riochd traidiseanta na seacaide gile fhathast cuideachd. Tha an ea ann an geal ag atharrachadh gu i ann an ghil/gile.]