Balach beag, nighean mhòr; leis a’ bhalach bheag, anns a’ bhùth mhòir; earball a’ chait chaoil; ri taobh na h-uinneig bhig/na h-uinneige bige; caileagan mòra, balaich bheaga
Gnìomhan
Tha sin nas inntinniche!
Dèan suas paragraf gun bhuadhairean ann idir no cleachd pìos a-mach à leabhar leis na buadhairean air an toirt a-mach. Feumaidh na sgoilearan am pìos sgrìobhaidh a dhèanamh nas inntinniche le bhith a’ cleachdadh bhuadhairean a tha freagarrach.
Bhiodh e math aon eisimpleir a dhèanamh air a’ bhòrd gheal còmhla agus, an uair sin, faodaidh na sgoilearan obrachadh còmhla ri caraid air paragraf eile.
Ma tha thu a’ cleachdadh pìos a-mach à leabhar, faodaidh tu sealltainn dhaibh na buadhairean a chleachd an sgrìobhadair aig an deireadh. A bheil iad a’ cur iongnadh air a’ chloinn?
Cothroman tar-churraicealaim
Ealain
Èist is dèan
Thoir pìos pàipeir do gach sgoilear, mìnich rudeigin dhaibh, a’ cleachdadh tòrr bhuadhairean, agus iarr orra dealbh a tharraing dheth.
me Faodaidh tu sealladh a mhìneachadh.
Dèan dealbh de thaigh ann am meadhan a’ phìos pàipeir agad. Tha dà uinneig air. Tha na h-uinneagan mòr agus donn. Tha an doras àrd, gorm. Tha simileir air a’ mhullach. Tha an similear leathann agus purpaidh. Tha ceò ghlas a’ tighinn às.
Air beulaibh an taighe tha cù na shuidhe. Tha na cluasan aige fada, curlach agus dubh … msaa
Òrain agus rannan (Dè thuirt thu?)
Am bodach beag annasach
Anns a’ pholl
Bòtannan dearg
Còig luchainn bheaga gheala
Còig uighean ann am basgaid
Dè tha anns a’ bhogsa?
Bùth MhicAmhlaidh
Sùilean dubha
Bradan beag is bradan mòr
Bodach-sneachda
Balach beag le còta gorm
Latha fliuch
A’ ghrian mhòr bhuidhe
Nuair a bha mi na mo mhaighdinn