Skip to content

Tha mi nam…

Mìneachadh

Tha tha, a bheil, chan eil air an cleachdadh còmhla ri nam, nad, na/na h-, nar, nur, nan/nam agus faclan a tha a’ seasamh airson gnìomh mar ruith no seasamh airson innse mun staid no mun t-suidheachadh anns a bheil neach no rud. Mar eisimpleir:

  • Tha mi nam sheasamh.
  • Tha e na shuidhe.

’S e seo na diofar riochdan de na:

  • Tha mi nam sheasamh. (mi)
  • A bheil thu nad dhùisg? (thu)
  • Tha an cù na shuidhe. (e)
  • Tha an nighean na cadal. (i)
  • Tha sinn nar cabhaig. (sinn)
  • Tha sibh nur sìneadh. (sibh)
  • Tha na càraichean nan stad. (iad)

[Tha toiseach an fhacail ag atharrachadh às dèidh nam (mi), nad (thu) agus na (e).   Uaireannan, tha nam agus nad air an ràdh mar na mo agus na do.]

 


Print Friendly, PDF & Email

© Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig 2024