Tha mi nam riuth; A bheil sibh nur suidhe?; Nam, nad, na, na h-, nar, nur, nan/nam
Cothroman tar-churraicealaim
Ceòl agus Cultar
Tha an t-òran ‘Tha na Fèidh am Bràigh Uige’ a’ cleachdadh an structair seo. Ionnsaich e agus bruidhinn mu dheidhinn. Dè tha e a’ ciallachadh? (Tha an sealgair ‘na shìneadh’ bhon a tha e marbh).
Tha mo shealgair na shìneadh
Na shìneadh, na shìneadh.
Tha mo shealgair na shìneadh
’S e san fhrith gun tighinn dhachaigh. (frith = àite far am faighear fèidh)
Tha mo shealgair gun èirigh
gun èirigh, gun èirigh.
Tha mo shealgair gun èirigh
’S tha na fèidh air na leacain.
Tha na fèidh am Bràigh Uige,
’m Bràigh Uige, ’m Bràigh Uige
Tha na fèidh am Bràigh Uige,
’S e mo dhiubhail mar thachair.
Faigh a-mach tuilleadh mu shealgairean agus fèidh agus dè an t-àite a th’ aca ann an eachdraidh na Gàidhealtachd, ann an òrain no an latha an-diugh.