Mìneachadh
Tha caochladh dhòighean sa Ghàidhlig air innse mu rudan a tha a’ tachairt aig an àm seo. ’S e fear dhiubh a bhith a’ cleachdadh:
- tha, a bheil, chan eil.
Tha an riochd tha air a chleachdadh nuair a tha e leis fhèin aig toiseach seantans (no clàs) no nuair nach eil a’ tighinn roimhe ach faclan mar:
- cò/dè/cuin a/carson a/ciamar a? (no an leithid)
- ma, ged a, mar a, nuair a, fhad ’s a, on a, a (no an leithid)
Mar eisimpleir:
- Tha thu ann.
- Ciamar a tha fhios agad?
- Ged a tha e beag, tha e glè làidir (ie eisimpleir de tha ann an ‘clàs’)
Tha an riochd a bheil air a chleachdadh gus faighneachd co-dhiù a tha rud ann no nach eil:
- A bheil an t-uisge ann?
Tha bheil air a chleachdadh cuideachd ann an suidhichidhean leithid:
- Càit a bheil do leabhar?
- Sin far a bheil mi a’ fuireach.
- Sin am fear aig a bheil iuchair an talla.
Tha an riochd eil air a chleachdadh airson a ràdh nach eil rud a’ tachairt:
- Chan eil an t-uisge ann.
Tha e cuideachd air a chleachdadh airson faighneachd na ceist:
- Nach eil fhios agad?