Tha; A bheil; Chan eil
Feumaidh iad na basan aca a bhualadh nuair a tha iad a’ cluinntinn facal a tha a’ ciallachadh còrr is aon rud.
Aithris labhairt
Cleachd dealbhan mar a tha gu h-ìosal le builgein còmhraidh sìmplidh. Iarr air a’ chloinn innse dhut (no sgrìobhadh) dè tha gach duine ag ràdh, a’ cleachdadh a’ phàtrain a leanas:
Tha an nighean ag ràdh gu bheil an obair duilich ach tha an tidsear ag ràdh nach eil.
NO
Tha an nighean ag ràdh gu bheil an obair duilich ach tha an tidsear ag ràdh gu bheil i furasta.
Geama ‘Cò th’ ann?’
Cleachd an geama le ceistean stèidhichte air ‘A bheil?’, me:
A bheil falt dubh air? Tha/Chan eil
A bheil speuclairean air? Tha/Chan eil
* Leudachadh
Tha seo a’ toirt dhut cothrom an diofar eadar Tha/A bheil agus ’S e/An e a thaisbeanadh:
A bheil falt ruadh air? Tha/Chan eil
ACH
An e Iain a th’ ann? ’S e/Chan e
Geama ‘Thuirt mo phiuthar’
Feumaidh aon duine trì rudan a ràdh: a dhà dhiubh fìor agus aonan nach eil, me:
Thuirt mo phiuthar gu bheil Dùn Èideann ann an Alba
Thuirt mo phiuthar gu bheil ‘c’ ann an ‘cat’
Thuirt mo phiuthar gu bheil trì mìle duine anns an sgoil seo
Feumaidh a’ bhuidheann obrachadh a-mach dè an rud nach eil fìor.
(NB Tha e nas fhasa don fheadhainn bheaga gun ‘gu bheil’ agus ‘nach eil’ a mheasgachadh anns na trì seantansan ach gabhaidh gach cuid a chleachdadh anns a’ gheama).
Cothroman tar-churraicealaim
Agallamhan mu bhiadh agus deoch (no eile)
Cuidich a’ chlann gus ceisteachan sìmplidh a dhèanamh airson faighinn a-mach dè tha daoine eile sa chlas a’ smaointinn mu bhiadh agus deoch, a’ cleachdadh clàr mar a leanas (tha a’ chiad fhear air a dhèanamh mar eisimpleir):
|
AINM |
|
BIADH |
? |
Tha |
Anna |
a’ smaoineachadh gu bheil |
isbeanan |
math |
Tha |
a’ smaoineachadh gu bheil |
|||
Tha |
a’ smaoineachadh gu bheil |
|||
a’ smaoineachadh gu bheil |
||||
a’ smaoineachadh gu bheil |
Feumaidh iad an uair sin am fiosrachadh a thional agus a chlàradh.
Faodar am fiosrachadh seo a chleachdadh ann an diofar dhòighean, me ann an clàr, ann an aithris, airson obair sgrìobhte, airson leabhran mun chlas agus na rudan a tha iad a’ smaoineachadh. Ghabhadh coimeas a dhèanamh mar a leanas:
Tha Simone a’ smaoineachadh gu bheil isbeanan math ach tha Iain ag ràdh gu bheil iad grod.
Cuimhnich: brosnaich a’ chlann gus measgachadh de chànan eile a chleachdadh cuideachd: ‘Thuirt Iain’, ‘Tha Simone a’ smaoineachadh’, ‘Chan eil Iain a’ smaoineachadh’ msaa