Mìneachadh
Tha thathas, thathar, bithear air an cleachdadh airson rudan a tha air an dèanamh le daoine anns an fharsaingeachd seach le neach ainmichte sam bith. Mar eisimpleir:
- Thathas a’ smaoineachadh gu bheil uilebheist ann an Loch Nis.
- Thathar den bheachd gur e na Ròmanaich a thog an dùn sin.
- Bithear a’ treabhadh na talmhainn as t-earrach.
’S ann ann an suidhichidhean foirmeil as trice a tha na pàtrain seo air an cleachdadh, mar eisimpleir anns na Naidheachdan air rèidio no a leithid sin. Chan eil iad cumanta.