Skip to content

Tha mi nam nurs.

Mìneachadh

Tha pàtran eile ann airson innse dè tha ann an rud no neach a tha stèidhte air tha agus na riochdan pearsanta seo de ann:

  • nam/na mo (mi), nad/na do (thu), na (e), na/na h- (i), nar (sinn), nur (sibh), nan/nam (iad).                                                                             

 Mar eisimpleir:

  • Bha e na iasgair uaireigin ach tha e na dhràibhear bus a-nise.

Tha am pàtran seo air a chleachdadh airson innse mu rudan mar an obair a tha aig neach, ie rudan a dh’fhaodas atharrachadh.  Chan urrainnear a chleachdadh airson rudan mar nàiseantachd no gnè (ie Albannach).

 


Print Friendly, PDF & Email

© Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig 2024