Tha mi nam nurs; Bha mi nam bhalach beag; aig an àm sin; Nam/na mo, nad/na do; na, na h-, nar, nur, nan/nam
Gnìomh
Obraichean (1)
Cairtean a’ sealltainn diofar obraichean (nurs, dràibhear, bèicear). Thoir cairt do gach sgoilear.
Sgoilear a’ tighinn a-mach gu beulaibh a’ chlas agus a’ mimeadh na h-obrach a tha air a’ chairt aige. Tha a’ chlann eile a’ tomhas dè tha ann.
“A bheil thu nad dhràibhear?”
“Tha, tha mi nam dhràibhear.”
Obraichean (2)
A h-uile duine ann an cearcall agus aon duine a’ tòiseachadh le bhith ag ràdh,
“Is mise Catriona agus tha mi nam nurs.”
Tha an ath dhuine ag ràdh,
“Is tusa Catriona agus tha thu nad thidsear. Is mise Murchadh agus tha mi nam bhùidsear.”
Tha an ath dhuine ag ràdh,
“Is ise Catriona agus tha i na tidsear. Is esan Murchadh agus tha e na bhùidsear. Is mise Màiri agus tha mi nam dhotair.”
Cùm a’ dol timcheall a’ chearcaill mar seo.
Teanas
Gus an ionnsaich na sgoilearan dè an riochd de ‘ann’ a chleachdas tu airson nan riochdairean diofraichte, ionnsaich dhaibh na paidhrichean fhaclan.
Mi nam
Thu nad
E na
I na
Sinn nar
Sibh nur
Iad nan
Airson teanas a chluich, cluichidh na sgoilearan còmhla ri caraid agus bidh aon sgoilear ag ràdh, me “mi” agus feumaidh an dara sgoilear “nam” a ràdh cho luath ’s as urrainn.