Mìneachadh
Tha caochladh dhòighean sa Ghàidhlig air innse mu rudan a thachair ron a seo, mar eisimpleir a bhith a’ cleachdadh nan riochdan a leanas de na faclan gnìomh neo-riaghailteach (ie an fheadhainn nach eil a’ leantainn a’ phàtrain àbhaistich):
- abair/can thuirt (thubhairt)/an tuirt/cha tuirt
- beir rug/an do rug/cha do rug
- cluinn chuala/an cuala/cha chuala
- dèan rinn/an do rinn/cha do rinn
- faic chunnaic/am faca/chan fhaca
- faigh fhuair/an d’ fhuair/cha d’ fhuair
- rach chaidh/an deach/cha deach
- ruig ràinig/an do ràinig/cha do ràinig
- thig thàinig/an tàinig/cha tàinig
- thoir thug/an tug/cha tug.