Rinn/an do rinn/gun do rinn/cha do rinn; chunnaic/am faca/gum faca/chan fhaca; chuala/an cuala/gun cuala/cha chuala; thuirt/an tuirt/gun tuirt/cha tuirt
Gnìomhan
Ceòl
A’ chlann a’ cleachdadh ionnsramaidean no na bodhaigean aca airson fuaimean a dhèanamh a chluinneas sinn aig amannan sònraichte:
“Dè chuala tu?”
“Tha mi a’ smaoineachadh gun cuala mi….”
“An cuala mi …?” “Chuala/cha chuala”
“Rinn mi fuaim mar…”
me
Fuaimean eagalach air Oidhche Shamhna: taibhsean, bana-bhuidseach a’ sgreuchail,
An t-earrach: Na h-uain, iseanan a’ bìogail
Ann an Afraga: drumaichean, na beathaichean (ailbhean, leòmhann)
Aig àm a’ Chogaidh: itealan, msaa
Cothroman tar-churraicealaim
Cruinn-eòlas/eachdraidh/creideamh/cànan/dràma
Hotseat
Faodaidh tu cleachdadh caractar à eachdraidh no bho sgeulachd no bho dhùthaich eile, a rèir ‘s dè an cuspair air a bheil iad ag obair, agus tagh cuideigin gu bhith na charactar. ’S urrainn dhut prop air choreigin a thoirt dhaibh a tha co-cheangailte ris a’ charactar.
Feumaidh a’ chlann ceistean fhaighneachd, me “Dè chunnaic thu?” Am faca tu …?” An cuala tu…?”
(Mura h-eil a’ chlann eòlach air gnìomh mar seo, faodaidh an tidsear a bhith na caractar an toiseach.)
Feumaidh an sgoilear freagairt mar an caractar, me “Chuala mi…agus bha an t-eagal orm”
Leudachadh no leasan fa leth
Feumaidh a’ chlann smaoineachadh mu dheidhinn caractaran à eachdraidh no bho sgeulachdan no bho diofar dhùthchanan, a rèir a’ chuspair air a bheil iad ag obair, agus beagan a sgrìobhadh mun t-suidheachadh anns an robh iad
me
Sgrìobh paragraf air na chuala Anne Frank bhon t-seòmar aice.
Sgrìobh paragraf air na chunnaic Howard Carter mus do lorg e Tutankhamen
Sgrìobh paragraf air càit an deach Phileas Fogg.